Sgeul annasach teaghlach Dhòmhnaill Meek san Eaglais Bhric
Dòmhnall Meek a' beachdachadh air an iomadh gaoth a shèid ann an seòl a bheatha.
Prof Donald Meek examines the twists and turns his life has taken, personally and academically.
Tirisdeach, croitear, sgoilear, tidsear, bà rd, sgrìobhadair: tha iad gu lèir a’ freagairt air an Àrd-Ollamh Dòmhnall Meek.
Thogadh e an Tiriodh agus tha croit is dachaigh a sin fhathast a th' air a bhith na phà irt mhòr de bheatha. Chaidh e a dh'Oilthighean Ghlaschu agus Chambridge, a' ceumnachadh às gach fear le urram ciad clas, à Glaschu le Ceiltis 's à Cambridge le Anglo-Saxon, Norse agus Ceiltis. Thill e a dh'Alba às dèidh bliadhnaichean sona an Cambridge gu obair air Faclair na Gà idhlig an Oilthigh Ghlaschu. Bha e an uair sin na Àrd-Ollamh ann an Roinn Ceiltis Oilthigh Obar Dheathain agus Dhùn Èideann.
A thuilleadh air a sin, tha e air iomadh leabhar a sgrìobhadh ann an raointean cho eadar-dhealaichte ri eachdraidh nan eaglaisean, bà rdachd agus bà taichean Mhic a' Bhruthainn. Tha e cuideachd air a bhith an sàs ann an iomadach buidheann eadar Comann Gà idhlig Inbhir Nis, Comann Eachdraidh Eaglaisean an h-Alba agus na chathraiche air Buidheann Comhairleachaidh Ministreil na Gà idhlig ( MAGOG ).
San t-sreath seo, 's e sealladh gu math pearsanta a tha sinn a' faighinn air Dòmhnall Meek 's air na cuspairean a bha agus a tha cudromach na bheatha is e a' beachdachadh air a h-uile car is toinneamh a ghabh i còmhla ri Annella Nicleòid.
Anns a' phrògram seo tha iad san Eaglais Bhric 'far na thòisich na Meeks', far an d' fhuair iad air adhart ach far mu dheireadh an tà inig sgaradh a tha a' leantainn chun a' là an-diugh.
Last on
Clip
-
Seòl Dhòmhnaill
Duration: 06:07
Taigh Bhantaskin san Eaglais Bhric
Broadcasts
- Thu 28 Mar 2019 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 28 Mar 2019 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 31 Mar 2019 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal