Ceòl ann am fiolmaichean agus cearbain
Tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn a’ cluinntinn mu laghan coire, Herodotus, ceòl is cearbain.
Coinneach Smith presents with topics including Herodotus, film music and sharks.
An-diugh ’s e Coinneach Mac a’ Ghobhainn a tha sa chathair. Dè th’ ann an laghan coire – agus cò a dh’fheumas pà igheadh nuair a bhios luchd-leantainn a’ bhuill-coise ag adhbhrachadh buaireadh? Mìnichidh an tè-lagha Magaidh NicAoidh na ceistean a tha a’ cuairteachadh lagh dhen leithid.
Chunnaic gu leòr againn fiolmaichean ainmeil mar Jaws mu dheidhinn cearbain a’ toirt ionnsaigh air luchd-snà mh. Ach le Blue Planet air an telebhisean an-drà sta a’ bruidhinn air cearbain, a bheil iad air droch chliù fhaighinn gun adhbhar? Tha an t-eòlaiche bheathaichean Eòghann MacCoinnich còmhla rinn airson innse mun chearban.
Tha an t-Oll Dòmhnall Uilleam Stiùbhart a’ beachdachadh air dìleab Herodotus, agus bà ta annasach air an tug an eachdraiche Greugach iomradh o chionn 2500 bliadhna ga lorg air grunnd Abhainn Nile. An robh esan cuideachd a’ faighinn droch chliù, leis gu bheil daoine air a bhith teagmhach mu na sgrìobhaidhean aige?
Agus carson a tha ceòl ann am fiolmaichean cho cudromach agus cho èifeachdach?
bbc.co.uk/Coinneach
Last on
Broadcasts
- Thu 28 Mar 2019 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 28 Mar 2019 21:03Â鶹Éç Radio nan Gà idheal