Main content
Sorry, this episode is not currently available

Beachd bho na taighean-deilbh

Pàtran Phàislig air ais anns an fhasan. Paisley pattern is back in fashion.

Chaidh dearbhadh an-dè gur e Team Ineos an t-ainm ùr a bhiodh air an sgioba rèisidh baidhsagal Team Sky bho seo a-mach. Tha Sir Jim Ratcliffe aig a bheil an gnìomhachas peatro-cheimigeach Ineos air taic airgid de £40 millean not a thoirt dhan sgioba, ach dè bhios seo a’ ciallachadh dhaibh agus dhan luchd-taic? Agus dè na buannachdan a tha ann do Ineos? Tha Gordon Camshron an neach-naidheachd rothaireachd còmhla rinn.

Tha sinn gu math eòlach air ainm Bernie Sanders nuair a thig e gu poilitigs Ameireagaidh. Sheas e an-aghaidh Hillary Clinton mar an tagraiche Democratach ann an 2016 ach cha deach leis. Saoil ciamar a thig dha an turas sa, cluinnidh sinn bho Dominique Dodge a tha a’ fuireach ann an Vermont, sgìre Sanders.

Tha pàtran Phàislig air ais anns an fhasan leis an taigh dealbhachaidh aodaich Hermes air cruinneachadh ùr de stocan a chruthachadh le seann phàtrain Phàislig. Tha fèill mhòr air a' chruinneachadh, agus bidh an dealbhaiche aodaich Sandra Mhoireach ag innse mu eachdraidh nam pàtrain agus na a tha ga fhàgail cho tarraingeach fhathast.

Agus tha Seona NicClintock air ais le dà fhilm ùr. An t-seachdain sa, chaidh i a choimhead Fisherman's Friends agus Ben is Back.

bbc.co.uk/feasgar

1 hour, 27 minutes

Last on

Wed 20 Mar 2019 12:30

Music Played

  • Keith Urban

    Never Comin' Down

    • Graffiti U.
    • 1.
  • Jack Savoretti

    What More Can I Do?

    • Singing to Strangers.
    • BMG.
    • 5.
  • Rita Ora

    Only Want You

  • Paolo Nutini

    Jenny Don't Be Hasty

    • These Streets: Festival Edition.
    • 018.
  • Ten Tonnes

    G.I.V.E.

    • Ten Tonnes.
    • Warner Bros Records UK.
    • 2.
  • Wildwood Kin

    Talkin Bout A Revolution

    • Voices of Equilibrium - EP.
    • Silvertone Records.
    • 1.
  • George Ezra

    Pretty Shining People

    • Staying at Tamara's.
    • Columbia / Sony Music.
    • 1.

Broadcast

  • Wed 20 Mar 2019 12:30