Main content
Sorry, this episode is not currently available

Le John Murdo Macleòid 2/2

John Murdo MacLeòid a' cnuasachadh bàrdachd Dhòmhnaill MhicLeòid air iasgach Port Nis.
John M Macleod reflects on Donald Macleod's poetry on the fishing industry in Port of Ness.

Mu 1930 sgrìobh Dòmhnall Macleòid, Dòmhnall Chaluim Mhurchaidh, an greusaiche a bh' ann an Port Nis bàrdachd mun iasgach a bha dol sa sgìre agus tha 'An t-Iasgach a bha am Port Nis' a' toirt dealbh cho slàn 's a th' againn den obair a bha cho cudromach dhan sgìre. Mun àm a rinn e an t-òran bha an t-iasgach air crìonadh ach san 19mh linn agus a-steach dhan 20mh linn bha e na ghnìomachas mòr. Tha e smaoineachail an-diugh gun deach 21,725 langa a chuir air tìr ann a Nis sa Ghearran 1895 agus bha sin a thuilleadh air na truisg, turbaidean, bradain leathainn, sgait agus easgainn a bhathas a' glacadh. Bha barrachd langa dha chuir air tìr ann a Nis na bha ann an Obar Dheathain aig an àm.

Sa phrògram seo tha John Murdo Macleòid, John Murdo 'an Mhurdo, a chaochail san Dùbhlachd a chaidh, 's a bha sa cheathramh ginealach de shaoir dhubha a bha a' togail eathraichean sa Phort, ag innse mu na grunnan iasgaich a bh' aca, an criutha 's an obair a bh'aca agus mun obair saillidh 's eile a bha dol air tìr sa sgìre. Tha òran Dhòmhmaill Chaluim Mhurchaidh air a sheinn le Tormod Mac a' Ghobhainn agus air aithris le Dòmhnall Iain MacÌomhair.

30 minutes

Last on

Sun 10 Mar 2019 10:00

Broadcasts

  • Tue 5 Mar 2019 12:00
  • Tue 5 Mar 2019 22:00
  • Sun 10 Mar 2019 10:00