Luaidh air a’ Chanan Aonghas MacCuithein
An-diugh tha Prògram Choinnich a’ dèanamh luaidh air a’ Chanan Aonghas MacCuithein nach maireann. Coinneach MacIver discusses the life of the late Canon Angus MacQueen.
Anns a’ phrògram an-diugh tha sinn a’ cluinntinn mu bheatha a’ Chanan Aonghas MhicCuithein nach maireann. A thuilleadh air a bheatha agus a chuid obrach mar shagart, bha an Canan MacCuithein cuideachd na eòlaiche air iomadach cuspair eadar còcaireachd agus dualchas nan Gà idheal. Bheir Angela NicFhionghain dhuinn geà rr-iomradh air a bheatha agus air na prògraman a thèid a chraoladh mu dheidhinn anns na seachdainean ri thighinn.
A’ leantainn bho mar a bha am prògram a’ comharrachadh 40 bliadhna bho thuit riaghaltas a’ Shah ann an Iran, tha Ailean Turner a’ bruidhinn air mar a bha esan ag obair ann an ospadal air an tuath fad bhliadhnaichean anns an dùthaich.
Tha Murray MacLeòid a’ mìneachadh dha Coinneach cò è “El Chapo” – neo JoaquĂn Guzmán, Ceannard bhuidheann dhrugaichean cho cumhachdach is a bha san t-saoghal a tha a-nise an grèim ann an Ameireaga, ciontach de dh’iomadach eucoir eadar marbhadh agus cĂąiltearachd dhrugaichean.
Agus beagan de chlà r Hoddan ann an cruinneachadh chlà ir Mhal MhicLeòid bho thasglann a’ phrògram. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Clip
-
An Canan Aonghas MacCuithein
Duration: 29:56
Broadcasts
- Thu 14 Feb 2019 09:00Â鶹Éç Radio nan GĂ idheal
- Thu 14 Feb 2019 21:00Â鶹Éç Radio nan GĂ idheal