Ceud bliadhna bho rugadh Dòmhnall Iain Dhonnchaidh - 1/2
A’ comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh Dòmhnall Iain Dòmhnallach, Dòmhnall Iain Dhonnchaidh.
Marking a hundred years since the birth of Peninerine poet Donald John MacDonald.
Rugadh Dòmhnall Iain Dòmhnallach ann am Peighinn nan Aoireann an Uibhist a Deas air an 7mh den Ghearran ann an 1919. Bhuineadh e do theaghlaichean air taobh athar agus a mhà thar a bha sònraichte a thaobh an eòlais agus an ùidh a bha aca ann an eachdraidh, òrain agus dualchas. Air taobh a mhà thar b’ e an “colaiste” a bh’ aca air Taigh Aonghais Ruaidh, taigh a sheanar ann an Snaoiseabhal, far am biodh daoine a’ cruinneachadh ag ionnsachadh òrain, eachdraidh is pìobaireachd. Air taobh athar b' e an seanchaidh ainmeil Donnchadh MacDhòmhnaill 'ic Dhonnchaidh, Donnchadh Clachair, a b' athair dha, agus bha Niall, brà thair athar, cuideachd aithnichte mar sgeulaiche ged a bha e caran diùid.
Dh’fhà g Dòmhnall Iain an sgoil aig ceithir bliadhna deug agus bha e gu math toilichte a chùl a chur rithe. Chaidh e a dh’obair air cruit athar agus b’ ann mun à m sin a thòisich e air dà in a’ dhèanamh. A rèir Bill Innes ,“ bha Dòmhnall Iain mar Burns nuair a thòisich e air ùidh a ghabhail anns na caileagan. B’ann an uairsin a thoisich e air dain a sgrìobhadh.”
Bha ùidh mhòr aige anns a' bhà rdachd aig Iain MaCodrom agus dh’ionnsaich e tòrr bho bhith a rannsachadh an dòigh sgrìobhaidh aige. Bha buaidh mhòr aig bà rdachd brà thair a mhà thar, Dòmhnall Ruadh Phà islig, air cuideachd,.
Bha an creideamh Caitligeach a-riamh cudromach do Dhòmhnall Iain agus, ged a thà inig e tro iomadh dùbhlan agus dòrainn nuair a bha e na phrìosanach sa Ghearmailt fad còig bliadhna aig à m an Dà rna Cogadh, b' ann às dèidh dha aois dà fhichead bliadhna a ruighinn a dh'fhàs e dha-rìribh dlùth do chreideamh.
B' ann nuair a bha e na phrìosanach sa champa a thòisich e air a' bhà rdachd 'Moladh Uibhist', leis na choisinn e Crùn a' Bhà ird aig Mòd Ghlaschu ann an 1948, ged nach do chrìochnaich e a' bhà rdachd gus an do thill e dhachaigh às a' chogadh.
Ged a nochd a bhà rdachd ann an deifir irisean thar nam bliadhnaichean, b’ ann ann an 1998 a nochd cruinneachadh slà n den bhà rdachd aige anns an leabhar “Chì Mi” a chaidh a dheasachadh le Bill Innes.
Tha Catrìona Mhoireach cuide ri cà irdean is luchd-eòlais Dhòmhnaill Iain a’ toirt sùil air a bheatha agus a bhà rdachd anns an t-sreath seo. Tha Dòmhnall Iain Dhonnchaidh e fhèin ri chluinntinn ag innse mun a' bhuaidh a bh’aig bà ird eile air an obair aige agus a' bhuaidh a bh’ aig an Dà rna Cogadh air agus e na phrìosanach.
Last on
Clip
-
Na Bà ird Baile - Dòmhnall Iain Dhonnchaidh
Duration: 03:22
Broadcasts
- Tue 5 Feb 2019 12:00Â鶹Éç Radio nan GĂ idheal
- Tue 5 Feb 2019 22:00Â鶹Éç Radio nan GĂ idheal
- Sun 10 Feb 2019 10:03Â鶹Éç Radio nan GĂ idheal