Leine nan Sioux
Sìonaich a’ cur fà ilte air bliadhna na muice agus 20 bliadhna bho thill Leine nan Sioux.
Chinese people welcome in the year of the pig and we remember the Sioux Ghost Shirt.
’S ann a-rèir na gealaich a tha na Sìonaich a’ comharrachadh bliadhna ùr agus fad a’ cheala-deug a tha romhainn bidh fèis na bliadhna ùire air a cumail air feadh an t-saoghail. Ach saoil dè a bhios na Sìonaich a’ dèanamh aig an à m seo? Cluinnidh Coinneach bho Law Chi-Yan, fear òg Sìonach a tha an-drà sta na oileanach ann an Glaschu le là n a chinn de Ghà idhlig.
Air taobh eile an t-saoghail tha fichead bliadhna bho thill Lèine Taibhse nan Sioux a dh’ Ameireaga. Chaidh an lèine sa a cumail ann an Glaschu son faisg air ceud bliadhna ach chaidh a tilleadh gu na tùsanaich às dèidh iomairt air an dà thaobh dhen Chuan a’ Siar. Cluinnidh sinne mar a bha Iain Mac na Ceà rdaich a’ bruidhinn air aig an à m, agus a bheachdan air san latha an-diugh.
Agus tha Alasdair MacLeòid sa chidsin le biadh gu leòr mar as à bhaist. Ach leis gu bheil cuid a’ cur feagal air daoine mu bhiadh ùr nuair a thig Brexit, ciamar a thèid dha truinnsear neo dhà a lìonadh às na canastairean? bbc.co.uk/Coinneach
Last on
More episodes
Broadcasts
- Wed 6 Feb 2019 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 6 Feb 2019 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal