A bheil clann an latha an-diugh ro bhog?
A bheil sinn a' brosnachadh ar clann a bhith a' bruidhinn cus mu na faireachdainnean aca?
Are we encouraging our children to speak too much about how they feel?
Bha uair ann nuair a bha ainm aig Breatannaich airson a bhith stòlda agus a’ seachnadh a bhith a’ bruidhinn mu na faireachdainnean aca. Ach tha cùisean eadar-dhealaichte an-diugh, is mòran a’ gearain gu bheil clann gu sònraichte feumail air barrachd brosnachaidh a bhith nas stòlda. Ach a bheil seo fìor? Tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn a’ faighinn facal air an saic-eòlaiche Rachel Allan feuch dè a tha saic-eòlas ag innse dhuinn mun deasbad. Ach tha e cuideachd a’ faighneachd dha pà rantan agus seana-phà rantan dè am beachdan air a chùis.
Cuideachd an-diugh mìneachadh air suidheachadh Phakistan a thaobh laghan toibheum agus cùis Asia Bibi. Cluinnidh sinn bho Iain Mac a’ Phearsain mar a tha na cùirtean air dearbhadh gu bheil am boireannach Crìosdaidh seo neochiontach; ach mar a tha beachdan muinntir Phakistan gu math eadar-dhealaichte.
Agus beachd air bucais do phà istean a th’ air an ùr-bhreith anns na Stà itean – oidhirp stad a chuir air naoidheanan òga a bhith a’ bà sachadh nuair nach eil mà thraichean gan iarraidh. bbc.co.uk/coinneach
Last on
Broadcasts
- Wed 30 Jan 2019 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 30 Jan 2019 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal