Dè bhuaidh a th’ aig an eas-aonta poilitigeach air riaghaltas nan Stà itean?
Mar a tha eas-aonta mun bhuidseat ann an Ameireaga a’ toirt buaidh air an riaghaltas aca.
How the budgetary disputes in the United States are affecting government.
An-diugh air Prògram Choinnich tha Mìcheal MacAoidh a’ mìneachadh mar a tha an troimh-chèile phoilitigeach a’ toirt buaidh air riaghaltas Ameireaga. Leis nach eil an ceann-suidhe agus an Còmhdhail air buidseat a cheadachadh, chan eil cuid a luchd-obrach nan oifisean; is tha feadhainn eile gun am pà igheadh. Dè na roinnean riaghaltais a tha a’ fulang?
Cuideachd air a’ phrògram tha triùir a tha gu math eòlach air a bhith a’ siubhal a’ beachdachadh air biadh; gu sònraichte an seòrsa bìdh a bhios companaidhean itealain a’ tabhainn. Le gearainean a’ nochdadh mu chosgais agus blas cheapairean daor aig companaidhean itealain a tha saor, saoil carson a tha am biadh uaireannan caran truagh? Agus ciamar a thèid agad air droch bhiadh is droch phrìs a sheachnadh nuair a bhios sibh a’ siubhal?
Agus a’ fuireach aig itealain, tha Coinneach a’ cluinntinn bho Bhill Innes mu itealan ùr air a bheil cuid ag èigheach mac Choncorde. Dè th’ anns am Boom Overture agus am bi itealain do luchd-siubhail a’ dol aig astar nas luaithe na fuaim a-rithist?
Cluinnidh sibh cuideachd criomag bhon phrògram ann an 2016 nuair a chaidh Coinneach, Bill Innes, agus Iain Mac a’ Ghobhainn a dh’fhaicinn Concorde aig an Taigh-Tasgaidh Sgèith ann an Lodainn.bbc.co.uk/Coinneach
Last on
Broadcasts
- Tue 15 Jan 2019 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 15 Jan 2019 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal