A' cuimhneachadh air Iain Moireach, Barabhas
Sgeulachd beatha Iain Mhoirich à Barabhas - ùghdar, neach-teagaisg agus craoladair. John Murray talks about his life and work as a writer, teacher and brodcaster.
Do mhuinntir Bharabhais agus na bailtean timchioll, ‘s e Seonaidh Fhionnlaigh ‘an Uilleam a bh'ann, am fear a bhiodh a sgrìobhadh agus a bha fuireach ann am Barabhas Iarach. Ann an saoghal litreachais, an t-ùghdar Iain Moireach a sgrìobh sgeulachdan goirid ainmeil leithid An Aghaidh Choimheach, Briseadh na Cloiche, agus Feòil a Gheamhraidh ‘s a dheasaich deilbh chluich mar Feumaidh Sinne Bhith Gà ireachdainn, An Rèiteach , An Fhìdeag Airgid, An Treas Fad agus iomadh pìos eile. Bha Iain cuideachd a' sàs ann a bhith a' brosnachadh agus a' toirt taic do dh’ùghdaran eile an obair aca a chur ann an clò. Chuir e seachd ùine cuideachd ann an dreuchdan aig à rd-ìre ann am foghlam, bho bhith a' teagasg gu bhith na iar-stiùiriche air roinn foghlaim gus na chrìochnaich e a là ithean-obrach ann an saoghal craolaidh.
Chaochail Iain Moireach air a'mhios a chaidh agus sa phrògram seo cluinnidh sibh còmhradh a bh'aige ri Angela NicFhionghuin mu a bheatha.
Last on
Broadcast
- Sun 23 Dec 2018 21:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal