Mgr Cailean MacAonghais, Eaglais Naomh Moire, Beinn a’ Bhadhla
Seirbheis còmhla ri Mgr Cailean MacAonghais, Eaglais Naomh Moire, Beinn a’ Bhadhla . Gaelic service with Fr Colin MacInnes, St Mary's Church, Benbecula.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean is na leughaidhean a leanas:
Còisir Naomh Barr ann am Barraigh a’ seinn 'Gloria' agus Salm 24
Anna Mhoireach a’ seinn Coisich ann an Solas Dhè
Còisir Àrd-sgoil MhicNeacail a’ seinn 'Fà ilte, fà ilte aon Mhac Dhè'
Kathleen NicAonghais le taic bho Mhà iri NicAonghais a’ seinn Ùrnaigh Naomh Proinseas
Julie Fowlis a’ seinn 'Do Là mh a Chrìosda'
Leughaidhean: Lucas 2: 6-7
Eòin 13: 4-15
Rugadh Maighstir Cailean MacAonghais ann an sgìre Bhòrnais an Uibhist a Deas ann an 1945. Fhuair e trèanadh airson na sagartachd ann an Obar Dheathain agus mu dheireadh anns an Spà inn. Thà inig e a-mach na shagart ann an 1970 a' cur seachad nan ciad bhliadhnaichean còmhla ri sagart Bhà gh a' Chaisteil agus an uairsin ùine san Òban mus do ghabh e thairis uallach paraiste. Bha Mgr Cailean na shagart san Iochdar airson sia bliadhna agus às an sin ghluais e gu paraiste Eaglais Naomh Bà rr sa Bhà gh a Tuath ann am Barraigh. Cho fad 's a bha e na shagart anns na h-eileanan rinn e an t-uabhas de dh'obair am measg na coimhearsnachd, a' cuideachadh nan daoine ann a bhith a' cur air chois Co-Chomainn, tallaichean coimhearsnachd, agus an lùib sin a bhith am measg an fheadhainn a chuir air chois Fèis Bharraigh. Cha robh an seo ach toiseach tòiseachaidh air obair nam Fèisean a tha air a bhith a' dol bho neart gu neart bhon a chaidh a' chiad tè a stèidheachadh anns na h-ochdadan.
Chuir Maighstir Cailean cùl ris na h-eileanan (ged a bha e fhathast na shagart airson na sgìr-easbaig) ann an 1985 agus ghabh e à ite air Comann Miseanaraidhean an Naoimh Seumas agus 's ann tron chomainn seo a chaidh a chur gu sgìr-easbaig ann an Ceann a Deas Ameireagaidh - gu Quito ann an Ecuador.
'S e beatha gu math eadar dhealaichte a bha air thoiseach air Mgr Cailean nuair a chaidh e a-null an sin - sgìre là n bochdainn agus ana-ceartas le foill is eucoir na lùib cuideachd. Bha sluagh mòr de Chaitligich anns an à ite - bho pharaiste anns an robh nas lugha na ceithir cheud, ghluais e gu paraiste anns an robh na mìltean agus glè bheag de shagartan airson an creideamh a' bhrosnachadh am measg an t-sluaigh. Nuair a chaidh e a-null, bha sagart eile an dùil a dhol a-null còmhla ris ach gu mì-fhortanach dh'fhàs an sagart eile bochd agus bha aig Mgr Cailean ri dhol ann na aonar.
A bharrachd air obair na sagartachd agus beatha spioradail nan daoine a bhrosnachadh, ghabh Mgr Cailean uallach cuideachd airson beatha shòisealta agus poilitigeach nan daoine, le bhith a' sabaid airson an còirichean. Bhiodh e a' gabhail pà irt ann an iomadach prògram air reidio is telebhisean, a' bruidhinn anns a' Phà rlamaid, a' gabhail pà irt ann an caismeachdan agus eile, agus fad na h-ùine a' strì agus ag obair airson muinntir na paraiste. Aig an aon à m chuir e a bheatha fhèin ann am fìor chunnart.
Thairis nam bliadhnaichean a chuir Mgr Cailean seachad ann an Comite del Pueblo chaidh siostam uisge a stèidheachadh sa choimhearsnachd, fhuair e taic airgid air leth bho pharaistean na sgìr-easbaig aige fhèin agus chaidh eaglaisean is sgoiltean a thogail agus rathaidean a stèidheachadh - thug e misneachd dha na daoine a bhith ag obair còmhla ann a bhith a' leudachadh agus a' leasachadh phròiseactan agus a' dèanamh beatha nas fheà rr dhaibh pèin agus an cuid chloinne.
Ann an 2005 ghluais Mgr Cailean gu sgìre eile ann an Ecuador, sgìre a bha a' fulang barrachd bochdainn. An turas seo bha e stèidhichte nas fhaisg air a' mhuir, faisg air Guayaquil. Ghluais Mgr Cailean air ais a dh'Uibhist san t-Sultain an 2016 agus an uiridh aig toiseach na bliadhna chaidh a chur os cionn paraiste Naomh Moire ann am Beinn a' Bhadhla.
Last on
Mgr Cailean MacAonghais
Broadcasts
- Sun 6 Jan 2019 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 6 Jan 2019 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal