Ag ullachadh airson na Nollaig
Tha sgoilearan Stafainn ag innse mun ullachadh a th' aca ri dhèanamh airson an Consairt Nollaig aca.
Staffin Primary School pupils prepare for their Christmas concert.
Tha prògram loma là n aig Marie dhuibh an t-seachdain-sa agus sinn trang ag ullachadh airson à m na Nollaig. Cluinnidh sinn bho sgoilearan Bun-Sgoil Stafainn a tha a' deisealachadh airson an Consairt Nollaig acasan. Eachdraidh òrain Nollaig a rà inig à ireamh a h-aon anns na Charts. Cuideachd Panto Gà idhlig Fèisean nan Gaidheal, na rudan as fheà rr leib’ fhèin mu à m na Nollaig agus tha sinn a' faighneachd carson a bhios sinn a’ cleachdadh sgeadachaidhean Nollaig. bbc.co.uk/aileag
Last on
Music Played
-
Ben Haenow
Something I Need
- Ben Haenow.
- 010.
-
James Arthur
Impossible
- James Arthur.
- Syco.
- 1.
-
Alexandra Burke
All Night Long
- Overcome.
- 004.
-
Dalton Harris & James Arthur
The Power of Love
- Single.
- 1.
Bonaidean airson Craobh Nollaig
Na dh'fheumas sibh:
Diofar dathan de shnà th
Siosar
Rola cairt (toilet roll tube)
¸éù¾±±ô±ð²¹°ù
Mar a nì sibh e:
Geà rr an rola cairt ann an trì pìosan.
Geà rr pìosan fada den t-shnà th. Â
Còmhdaich am pìos cairt leis an t-shnà th. Feumaidh sibh na pìosan fhada fhà gail an-drà sta.
Nuair a tha còmhdach air a’ chairt, gabh greim air na pìosan snà th còmhla agus slaod iad tron phìos cairt. Cuir snaim timcheall air na pìosan faisg air mullach nam pìosan fada gus am bi seòrsa de pom pom aig mullach na bonaid.
Fà g pìos snà th fada airson a’ bhonaid a’ chrochadh air a’ chraoibh. Â
Faodaidh sibh na bonaidean agaibh a’ sgeadachadh le sequins no putain bheaga mar a thogras sibh.Â
Rèin-fhiadh airson Craobh Nollaig
Na dh’fheumas sibh:Â
Meadhan rola pà ipear – (toilet roll cardboard tube)Â
Pìosan pà ipear donn
Pìoban glanaidh donn (brown pipe cleaners)
Pom poms no putain dearg
Sùilean googly
Glaodh
Siosar
Pìos ribean no sreang
Teip steigeach
Mar a nì sibh e:
Geà rr na rolaichean pà ipear ann an dà leth.
Cleachd an glaodh gus còmhdach pà ipear donn a chur air an rola. (Mura bheil pà ipear donn agaibh, faodaidh sibh peann a chleachdadh gus dath a chuir air).
Cuir toll tro gach taobh den rola airson na cabair, le snaim air an taobh a-staigh den rola. Faodaidh sibh toinneamh no dha a chuir air na pìoban glanaidh airson ‘s gum bi iad nas coltaiche ri cabar.
Airson sròin, cleachd an glaodh gus na pom poms no na putain dhearg a chur ann am meadhan na rola.
Cuir sùilean air.
A’ cleachdadh an teip steigeach, cuir pìos sreang no ribean air an rola gus an rèin-fhiadh a chrochadh air a’ chraoibh.
Broadcasts
- Fri 7 Dec 2018 14:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sat 8 Dec 2018 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal