A bheil Breatainn air a cliù a chall san Ear Mheadhanach?
An do sheall cùis Mhata Hedges gu bheil sinn air ar cliù a chall san Ear Mheadhanach?
Does the case of Matthew Hedges show Britain has lost her standing in the Middle East?
O chionn seachdain, chaidh oileanach Breatannach a shaoradh bhon phrìosan sa UAE. Bha e ann fo chasaidean brathaidh – ged a chaidh e fhèin, agus an riaghaltas, às à icheadh sin. Ach ann an dùthaich a bha uair fo smachd na Rìoghachd Aonaichte, an do sheall cùis Mhata Hedges gu bheil sinn air ar cliù a chall san sgìre? No a bheil guth aig Breatainn fhathast?
Cuideachd sa phrògram an-diugh tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn a’ cluinntinn bho na bailtean Frangach air a bheil eagal ro Bhrexit. Le Sasannaich, Cuimrich agus Albannaich gu leòr air beatha ùr a dhèanamh dhaib’ fhèin anns an Fhraing, tha cuid ann a bhiodh duilich faicinn a’ bhuaidh a th’ aca air bailtean beaga air an tuath a’ falbh.
Bheir am fear-naidheachd Murchadh MacLeòid iomradh dhuinn air seann cheann-suidhe Ameireaga, Seòras HW Bush.
Agus beachd air mar a tha eachdraidh na h-Alba cho tarraingeach dha cuid de luchd-filmichean is beagan de dh’ath-bheothachadh a’ tighinn air eachdraidh na h-Alba mar shuidheachadh-drà ma telebhisean. bbc.co.uk/coinneach
Last on
Broadcasts
- Tue 4 Dec 2018 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 4 Dec 2018 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal