Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Urr Iain MacLeòid, an Eaglais Shaor Leantainneach

Seirbheis còmhla ris an Urr Iain MacLeòid, an Eaglais Shaor Leantainneach.
Gaelic religious service conducted by the Rev John MacLeod, Free Church Continuing.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 30: 11-12 air fonn London New agus ‘s e Iain MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Àrd-eaglais Steòrnabhaigh.
Salm 42 air fonn Glencairn agus ‘s e Ruairidh Caimbeul a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrois.
Salm 45: 13-14 air fonn Bedfrod agus ‘s e an t-Urr Coinneach Stiùbhart a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Oib.
Leughadh: Dàn Sholaimh 4: 7 gu 5:1
Ceann-teagaisg: Dàn Sholaimh 4: 16

Rugadh agus thogadh an t-Urramach Iain MacLeòid ann an sgìre Shiaboist ann an Leòdhas. Bha e a' teagasg ann an Obar Dheathain airson fichead bliadhna. Às dèidh sin chaidh e a Cholaiste na h-Eaglais Saoire ann an Dùn Èideann ann an 1980, agus chaidh a ghairm gu coitheanal Dhuthail-Doruis (Duthel Dores) far an robh e na mhinistear gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2006. Thill e a dh'fhuireach ann an Siabost far a bheil e a' cur seachad ùine a' leughadh, a' gàirnealaireachd agus a' searmonachadh ann an coitheanalan a tha bàn.

30 minutes

Broadcast

  • Sun 4 Nov 2018 09:00