An t-Urr Calum MacLeòid, Eaglais Shaor Shiaboist
Còmhla ris an Urr Calum MacLeòid bho Eaglais Shaor Shiaboist.
Gaelic religious service conducted by Rev Callum MacLeod, Shawbost Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 42: 1-2 air fonn Glencairn agus ‘s e Coinneach M MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh.
Salm 48: 13-14 air fonn St David agus ‘s e an t-Urr Coinneach Fearghasdan a tha os cionn na seinn. Chaidh seo a chlà radh ann an Ionad na Seann Daoine ann an Steòrnabhagh ann an 1978.
Salm 16: 10-11 air fonn Kilmarnock agus ‘s e an t-Urr Seumas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choithieanal Eaglais na h-Alba ann an Garrabost.
Leughadh: Eabhraidhich 12: 14-29
Ceann-teagaisg Eabhraidhich 12: 22
'S e an t-Urr Calum MacLeòid a tha na mhinistear an Eaglais Shaor Shiaboist air taobh siar Eilean Leòdhais a tha a' searmonachadh ann an Dèanamaid Adhradh air an t-seachdain seo.
'S ann do bhaile Shuardail anns a Rubha a bhuineas Mgr MacLeòid. Fhuair e oideachadh ann am Bun-Sgoil a' Chnuic agus ann an Àrd-Sgoil MhicNeacail. Às dèidh dha an sgoil fhà gail ann an 1974 thoisich e air obair cuide ri Post Office Telephones, mar a bha orra an uairsin, mus do dh'atharraich iad gu British Telecom agus gu BT mar is eòlaich sinn orra an-diugh.
Thà inig Mgr MacLeòid gu bhith na bhall ann an Eaglais Shaor an Rubha aig deireadh na seachdadan. Bha e cuideachd a' teagaisg anns an Sgoil Shà baid, na dheucon agus an uairsin na èildeir anns a' choitheanal. Phòs e fhèin agus a bhean Catherine ann an 1981 agus tha dithis mhac aca, Graeme agus Stuart.
Dh'fhà g Mgr MacLeoid BT ann an 1997 agus a chaidh e a-staigh airson na ministearalachd, a' tilleadh gu fòghlam aig Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann airson trì bliadhna. Chaidh a phòsadh ri coitheanal Shiaboist anns an Dà mhair 2000 far a bheil e fhathast. A bharrachd air a bhith a' frithealadh a' choitheanal aige tha Mgr MacLeòid cuideachd na chlà rc aig Clèir nan Eilean Siar.
Nuair a gheibh e beagan ùine dha fhèin, (rud nach bi a' tachairt ro thric!) is caomh leis a bhith falbh air a' bhaidhsagail, a' ruith agus a' coiseachd agus, nuair a dh'fheumas e, bidh e a' dèanamh beagan DIY. Tha ùidh aige cuideachd ann an croitearachd. Grunn bhliadhnaichean air ais sgrìobh e a' chiad leabhar aige air eachdraidh Eaglais Shaor Shiaboist.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sun 21 Oct 2018 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 21 Oct 2018 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal