Main content
Sorry, this episode is not currently available

Ciamar a dhèanadh luchd-saidheans feòil fuadain?

A bheil e comasach feòil fuadain a chruthachadh agus am b’ fhiach e ithe?
Could we make artificial meat in the lab and would it be worth our while to start eating it?

’S iomadh rud a tha ag atharrachadh ann an saoghal an àiteachais, ach an cuala sibh mu dheidhinn feòil fuadain? A-rèir luchd-saidheans, tha e a-nise comasach dhaibh feòil a dhèanamh ann an ionadan-saidheans. Gheibh Coinneach mìneachadh air mar a thathas a’ dèanamh seo bho Chalum Iain Bartlett, a rinn bith-ceimigeachd aig an oilthigh. Agus an gabhadh feadhainn a tha gu h-àbhaisteach a’ seachnadh feòil a’ leithid airson am biadh?

Cuideachd sa phrògram, tha Coinneach a’ cluinntinn mun a’ sgaradh eadar eaglaisean na Ruis agus na Ucràin, sgaradh a tha air a bhith ga-rìreabh connspaideach airson Crìosdaidheachd Orthodox an t-saoghail.

Tha Elsie NicIlleathain a’ bruidhinn air an làrach-lìn Tobar an Dualchais.

Cò th’ ann an Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba?

Agus tha Calum MacIlleathain a’ bruidhinn air bogsair Frangach is Afraganach air a bheilear a-nis a’ dèanamh luaidh – “Battling Siki”, neo Louis Mbarick Fall. Cò bh’ ann, agus carson a thathas a’ beachdachadh air ainm a ghlèidheadh ann an Talla nan Gaisgeach airson bogsadh? bbc.co.uk/coinneach

57 minutes

Last on

Thu 25 Oct 2018 21:10

Broadcasts

  • Thu 25 Oct 2018 09:00
  • Thu 25 Oct 2018 21:10