Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1004
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir à ireamh 1004.
Last on
Thu 18 Oct 2018
00:27
Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 700
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1004
Duration: 05:00
Litir 1004: An Cù-eunaich Buidhe
Dè an cù as motha a tha a’ comharrachadh Alba? ʼS dòcha anns a’ chiad dol a-mach, gum bi sibh a’ beachdachadh air abhagan – an abhag dhubh Albannach, no abhag bhà n taobh an iar na Gà idhealtachd – a’ ‘westie’. No dè mu dheidhinn abhag Sgitheanach – an seòrsa dham buineadh Greyfriars Bobby ann an Dùn Èideann anns an naoidheamh linn deug? Bha esan dìleas, mura robh e cà il eile, a’ cumail faire air uaigh a mhaighstir airson ceithir bliadhn’ deug an dèidh a bhà is.
ʼS dòcha gum biodh cuid dhen bheachd gur e an coilidh – no cù-chaorach – as motha a bhiodh a’ comharrachadh Alba. Tha iad cho math air trusadh nan caorach, nach eil?
Ach do gu leòr air feadh na cruinne, ʼs e an cù-eunaich buidhe a thigeadh don inntinn nuair a bhiodh iad a’ smaoineachadh air coin agus Alba. An cù-eunaich buidhe? Bidh sibh eòlach air mar ‘golden retriever’. Chaidh an seòrsa coin seo a chruthachadh air Gà idhealtachd na h-Alba ann an Taigh a’ Ghiùthsachain faisg air Tomaich ann an ochd ceud deug, seasgad ʼs a h-ochd (1868). Tha Tomaich faisg air Canaich gu siar air Loch Nis.Â
B’ e am fear a chruthaich e am Morair Tweedmouth leis an robh Taigh a’ Ghiùthsachain. Rinn e a dh’aona-ghnothach e oir bha e ag iarraidh cù le beul bog a bhiodh math air eòin mharbh a thoirt air ais gun chron a dhèanamh orra, ach cuideachd a bhiodh comasach air coiseachd thar nam boglaichean is mòintich air a’ Ghà idhealtachd.Â
Dh’fheumadh an cù-eunaich seo a bhith comasach air seasamh ri droch shìde. Mar sin, bhathar ag iarraidh gum biodh bian fada, dìonach air. Chuir am Morair Tweedmouth dà sheòrsa eile ri chèile – wavy-coated retriever agus Tweed water-spaniel. Agus b’ e an cù-eunaich buidhe – an golden retriever – a dh’èirich à s, ged nach b’ e sin an t-ainm oifigeil air gu naoi ceud deug is fichead (1920) nuair a chaidh an Golden Retriever Club a chur air chois.
A-nise tha fèill mhòr air an t-seòrsa seo air feadh an t-saoghail, ach gu seachd à raidh ann an Astrà ilia, Ameireagaidh a Tuath agus san Roinn Eòrpa. Cha bhi mòran de na coin sin an sà s ann an eunach, ge-tà . ʼS e peataichean a th’ annta. Tha iad, mar as trice, gu math dòigheil, laghach nan nà dar. Tha iad air leth foighidneach le clann.Â
Tha Taigh a’ Ghiùthsachain a-nise na thobhta. Ach do mhòran air feadh an t-saoghail – a tha air leth measail air a’ chù-eunaich bhuidhe – ʼs e à ite sònraichte a th’ ann.
Am-bliadhna, tha ceud gu leth bliadhna air a dhol seachad bhon a chaidh an seòrsa seo a chruthachadh. Thà inig na ceudan cruinn còmhla ann an Tomaich is Canaich airson sin a chomharrachadh. Bha mi fhìn a’ bruidhinn ri feadhainn às na Stà itean Aonaichte agus Astrà ilia a thà inig a dh’Alba a dh’aona-ghnothach air sgà th ʼs gun robh an fhèill seo a’ dol air adhart. Agus bha gu leòr ann à Breatainn agus dùthchannan Eòrpach a thug an coin leotha.
Air an latha mu dheireadh dhen fhèill, chaidh dealbh a thogail air beulaibh Taigh a’ Ghiùthsachain. Tha trì cheud, seasgad ʼs a h-aon coin – dhen aon seòrsa – anns an dealbh! Tha mi an dòchas gun do lorg na daoine na coin cheart aca fhèin an dèidh là imhe!

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: dìleas: loyal; coilidh: collie; cù-chaorach: sheepdog; cù-eunaich: birding dog, retriever; Taigh a’ Ghiùthsachain: Guisachan House; bian fada, dìonach: a long waterproof coat; tobhta: ruin; eilthireachd: a pilgrimage.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Dè an cù as motha a tha a’ comharrachadh Alba?: what dog most strongly represents Scotland?; gum bi sibh a’ beachdachadh air abhagan: that you’ll be thinking of terriers; an abhag dhubh Albannach, no abhag bhà n taobh an iar na Gà idhealtachd: the black Scottish terrier, or the fair West Highland terrier; an seòrsa dham buineadh X: the breed that X belonged to; a’ cumail faire air uaigh a mhaighstir: keeping an eye on his master’s grave; trusadh nan caorach: gathering the sheep; tha Tomaich faisg air Canaich gu siar air Loch Nis: Tomich is near Cannich west of Loch Ness; cù le beul bog a bhiodh math air eòin mharbh a thoirt air ais gun chron a dhèanamh orra: a dog with a soft mouth that would be good at retrieving dead birds without damaging them; thar nam boglaichean is mòintich: over the bogs and peaty moors; comasach air seasamh ri droch shìde: able to withstand bad weather; tha fèill mhòr air X: X is celebrated; an sàs ann an eunach: involved in birding, wildfowling; ʼs e peataichean a th’ annta: they are pets; foighidneach le clann: patient with children; thà inig na ceudan cruinn còmhla: hundreds of people came together; a thug an coin leotha: who brought [took] their dogs with them; an latha mu dheireadh dhen fhèill: the final day of the festival; chaidh dealbh a thogail air beulaibh: a picture [photo] was taken in front of; trì cheud, seasgad ʼs a h-aon coin: 361 dogs; tha mi an dòchas gun do lorg na daoine na coin cheart aca fhèin an dèidh là imhe: I hope that the people found their own correct dogs afterwards.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: nuair a chaidh an Golden Retriever Club a chur air chois: when the Golden Retriever Club was established. Cuir air chois is a good phrase to remember – it literally means to ‘put on [its] foot’ but is a good idiom for ‘setting up, establish’. Note with the passive construction here that the verbal noun cur is lenited. Chaidh Saorstat Éireann a chur air chois ann an 1922 ‘the Irish Free State was established in 1922’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Rinn e a dh’aona-ghnothach e: he did it deliberately.
Broadcasts
- Sun 14 Oct 2018 22:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 18 Oct 2018 00:27Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.