A bheil na h-Eileanan mu Thuath coltach ris na h-Eileanan an Iar?
A bheil na h-Eileanan mu Thuath, Arcaibh agus Sealtainn, coltach ris na h-Eileanan an Iar?
Are the Northern Isles of Orkney and Shetland similar to the Western Isles?
Anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh, tha sinn air barrachd a chluinntinn mu cho-obrachadh eadar na h-Eileanan an Iar, Arcaibh agus Sealtainn airson adhbharan poilitigeach. A bheil Leòdhas, Na Hearadh, Uibhist no Barraigh coltach ri eileanan Arcaibh is Sealtainn? Mar a bheil, cò ris a tha iad coltach? Sin na ceistean a th’ aig Coinneach Mac a’ Ghobhainn dha ceathrar a tha a’ fuireach anns na h-eileanan sin.
Cuideachd sa phrògram an-diugh tha Iain MacAmhlaigh ag innse mu bheatha Thòmais Lipton. Thogadh Lipton anns na Gorbals ann an Glaschu, ach rinn an duine fortan le sreath bhùithtean fhosgladh, a dh’ atharraich saoghal nam bùithtean am Breatainn eadar an 19mh is an 20mh linn. Ach cò e, agus carson a bha e ainmeil air feadh an t-saoghail mar fhear-gnothaich agus mar dhuine?
Airson 25 bliadhna de Phrògram Choinnich a chomharrachadh tha sinn a' toirt sgrìob air ais ann an eachdraidh a' phrògram is cothrom againn èisteachd a-rithist ri sreath sònraichte a chlà r e mu aibhnichean Alba. A' tòiseachadh le Raghnall MacIlle Dhuibh is e ag innse dhuinn mun abhainn Tuaidh.
Cuideachd tha faisg air 40 bliadhna bho chaidh an leabhar A Family In Skye fhoillseachadh. Tha e ag innse sgeulachd beatha Ealasaid agus Raghnall Dòmhnallach agus thèid a chuir air bhog a-rithist air an deireadh sheachdain ‘sa ann a Talla Aros ann am Port Rìgh. Tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn a’ faighinn facal air Tormod Dòmhnallach mun leabhar. bbc.co.uk/coinneach
Last on
Broadcasts
- Thu 27 Sep 2018 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 27 Sep 2018 21:10Â鶹Éç Radio nan Gà idheal