Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 215

Tha litir smaoineachail a' toirt dealbh air sgrios a' chogaidh air Loidhne Hindenburg. A thought-provoking letter describes the fighting on the Hindenburg Line.

B' ann mu chuairt air Bapaume a bha an t-sabaid bu chruaidhe aig toiseach na Sultain, ann an sgìre a chaill na Gearmailtich sa Mhàirt 1917 's a choisinn iad air ais an ath Mhàirt. Air an 3mh den t-Sultain 1918 fhuair feachdan Breatannach sealbh air baile Lens agus chrìochnaich dàrna blàir an Somme, Arras agus Bapaume, mar a chluinneas sinn aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill.

An t-seachdain s' sgrìobh Seumas MacDhonnchaidh à Ìle, an litir mu dheireadh a sgrìobhadh e. B' e Seumas bràthair an t-seinneadair ainmeil Mairead NicDhonnchaidh - a th' air a cuimhneachadh gach bliadhna aig a' Mhòd Nàiseanta leis an fharpais chòisir air a bheil a h-ainm. Tha e a' toirt dealbh smaoineachail air na bha a' tachairt timcheall air agus aig an aon àm dealbh soilleir na inntinn air an dachaigh. Cluinnidh sinn earrannan den litir.

10 minutes

Last on

Fri 7 Sep 2018 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 6 Sep 2018 21:03
  • Fri 7 Sep 2018 11:50