21/08/2018
Eachdraidh na treubh Sirianaich Druze bho Chalum Iain Bartlett. Calum Iain Bartlett with the history of Syrian tribe, the Druze.
Chaidh aonta-sìth a ghairm anns a' chogadh eadar Sudan agus Sudan a Deas, bho chionn ghoirid, ach cha b' ann airson a' chiad uair. Ach a bheil eadar-dhealachadh sam bith anns an aonta dhan turas sa agus dè am miann a th' ann airson soirbheachadh dhan aonta? Tha Maureen NicLeòid air a bhith a' rannsachadh na sgeòil.
Air a' mhios a chaidh seachad, thug ISIS ionnsaigh air buidheann a bha gu ruige seo air an dìon bho sgrios a' chogaidh ann an Siria. Dh' atharraich sin dhan bhuidheann Druze, nuair a mhuirt ISIS còrr air 200 dhiubh. Ach, cò iad na Druze? Bheir Calum Iain Bartlett dhuinn eachdraidh na treubh Sirianaich seo.
A' comharrachadh ceud bliadhna bho fhuair boireannaich cothrom bhòtadh tha Comunn Eachdraidh Steòrnabhaigh air taisbeanadh a chuir ri chèile mu bhoireannaich ainmeil a bhuineadh don bhaile. Chaidh Coinneach còmhla ri Mòrag NicDhòmhnaill agus Zena NicGhriogair gu Talla a' Bhaile ann a Steòrnabhagh airson sùil a thoirt air an taisbeanadh, Blazing The Trail for Stornoway Women,
Agus tha sinn air ais còmhla ri Dòmhnall Iain Macleòid ann an Tasglann na Gà idhealtachd. An t-seachdain sa tha e ag innse dhuinn mu bhoireannach ainmeil eile na latha, Ealasaid NicDiarmaid. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Tue 21 Aug 2018 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 21 Aug 2018 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal