Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 212

Blàr Amiens a' crìochnachadh 's na Gearmailtich a' tuigs' gu robh an cogadh air a chall. The important Battle of Amiens ends with the Germans losing heart.

Thàinig Blàr Amiens gu ceann air deireadh sheachdain an 10mh 's 11mh den Lùnastal 1918. B' e buaidh chudromach a bh' ann agus am beachd mhòran b' e seo am batal far an do dhrùidh e air na Gearmailtich gun robh iad air an Cogadh Mòr a chall. B' e Amiens a' chiad bhlàr anns an deach ionnsaigh cho-òrdanaichte a dheànamh sa chogadh le gunnachan, tancaichean, feachdan coisridh agus itealan cogaidh uile air an cleachdadh aig an aon àm. Innsidh Gilleasbuig MacDhòmhnaill dhuinn cho deatamach 's a bha Amiens.

Bha a Highland News a' togail air searmon cumhachdach a rinn an t-Urramach Anndra Dùbhghlas ann an Inbhir Ghòrdain air a' phrìs a bhathas a' pàigheadh airson saorsa. San aon iris nochd pìos bàrdachd Gàidhlig fon ainm Cumha airson Eachann MacLeòid à Sanndabhaig a chaill a bheatha as dèidh dha a bhith air a leòn aig na Dardanelles ann an 1915. B' e bean Iain MhicLeòid à Cnoc Shanndabhaig a sgrìobh na rannan mar chuimhne air a dalta 's cluinnidh sinn cuid dhiubh air aithris.

10 minutes

Last on

Fri 17 Aug 2018 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 16 Aug 2018 21:00
  • Fri 17 Aug 2018 11:50