Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 209

Na bha tachairt sa Chiad Chogadh air an t-seachdain sa 100 bliadhna air ais. The events of the First World War, this week 100 years ago.

Air an t-seachdain mu dheireadh den Iuchar 1918, chaidh aig Arm na Frainge air cùisean fhaighinn air ais gu mar a bha iad mus do thòisich ionnsaigh mhòr na Gearmailt air an t-seachdain ron a seo. Bha am pàtran sin dol a leantainn, air is dheth, gu deireadh a' Chogaidh. B' fheudar dhan Ghearmailt tilleadh air ais tarsainn air a' Mharne aig toiseach na seachdain, a' fàgail a' bhruaich a deas fo smachd na Frainge. Rinn an Fhraing adhartas cuideachd eadar Soissons is Abhainn Ourcq.
Uile-gu-lèir chaidh còrr is 20,000 saighdear Gearmailteach a chur an greim an seo, agus chaidh sealbh fhaighinn air ceithir cheud gunna.

Chaidh an tràlair armaichte, an Locheil, a chur fodha, a rèir coltais le mèinn, far cladach an ear-thuath Shasainn. Chaidh Alasdair Robasdan à Breacais an Eilein Sgitheanaich agus Aonghas Moireasdan, Aonghas Aonghais Thormaid à Ùige Leòdhais, a bhàthadh nuair a chaidh an Locheil fodha. 'S ann le companaidh Dhaibhidh Mhic a' Bhruthainn a bha i agus thug an riaghaltas dhaibh bàta eile na h-àite an dèidh a' Chogaidh.

Ghearain Riaghaltas Sobhietach na Ruis air an 26mh mu mar a chaidh saighdearan o na Co-chòmhragaich a chur air tìr air costa Murman an ceann-a-tuath na dùthcha aca. Bha iad den bheachd nach b'ann airson an cuideachadh a bha seo ach airson cur às dhan Riaghaltas choimiunach aca. Thuirt iad gu robh an gluasad seo, nam beachd-san, co-ionnan ri bhith gairm cogadh nan aghaidh. Gheibh sinn an tuilleadh a-mach bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill.

10 minutes

Last on

Fri 27 Jul 2018 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 26 Jul 2018 21:00
  • Fri 27 Jul 2018 11:50