Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 205

Gaisgeachd ÃŒlich aig call an Tuscania air aithneachadh 's sgrios an Llandovery Castle. Islay men's heroism at the loss of the Tuscania recognised and the Llandovery Castle is sunk.

Air 22mh den Ògmhios 1918, bha sgeulachd mu dhithis ghaisgeach à Ìle ann am Paipear an Òbain. Bha an dithis aca nan luchd-faire air cladaichean an eilein agus chaidh urram OBE a bhuileachadh orra airson an obair a rinn iad a' sàbhaladh beatha an dèidh call a' bhàta Ameireaganach, an Tuscania, sa Ghearran. Sgaoil Crois Dhearg nan Stàitean brath-naidheachd ag innse mar a shàbhail Raibeart Moireasdan às an Odha trì saighdearan Ameireaganach agus mar a shàbhail Donnchadh Caimbeul, cuideachd às an Odha, beatha saighdear a bha an fhairge air a thilgeil suas gu àite creagach, cunnartach a bha cha mhòr do-ruigsinneach.

Aig sabaid aig Abhainn Piave far an d'fhuair na h-Eadailtich buaidh, tha e air aithris gun tubhairt an Seanailear Gearmailteach Erich Ludendorff an uair a chual' e an naidheachd 'gun do dh'fhairich e airson a' chiad uair gun robh a' Ghearmailt a' dol a chall a' chogaidh. An ath latha, chuir an Rìgh Seòras telegram a' cur meala-naidheachd air Rìgh na h-Eadailt.

Air 27mh den Ògmhios chaidh am bàta-ospadail Canèidianach Llandovery Castle a chur fodha le bàta-aigeil far costa na h-Èireann. Am measg an 234 a chaill am beatha, bha Iain MacAnndrais a rugadh ann a Steòrnabhagh ach a bha sa Chogadh còmhla ri seirbheisean meidigeach an airm Chanèidianaich.
Bha am bàta a' tilleadh a Shasainn an dèidh leòintich a thoirt gu Halifax an Alba Nuadh. Mar bu chòir, cha robh a solais air an dubhadh às agus bha Crois Dhearg a' deàlradh gu soilleir air a' bhàta. Bha sgioba de 258 air bòrd, nam measg ceithir nursaichean deug. A rèir Cùmhnant Hague bha còir aig an nàmhaid bàta-ospadail a stad 's a sgrùdadh ach cha robh còir aige a cur fodha. Innsidh Gilleasbuig MacDhòmhnail dhuinn mar a thachair.

10 minutes

Last on

Fri 29 Jun 2018 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 28 Jun 2018 21:00
  • Fri 29 Jun 2018 11:50