Turas Frances gu leigheas às ùr - 3/3
3/3. Ceum air cheum air an turas còmhla ri Frances O' Connell 'gus smachd fhaighinn air MS. A personal journey with Frances O' Connell in an attempt to alleviate her MS.
Ann an 2016 rinn Frances O' Connell às a' Ghearasdan co-dhùnadh cudromach na beatha, b' e sin a dhol gu ruige Mexico airson leigheas sònraichte a bha air a bhith soirbheachail do chuid a bha a' fulang leis an tinneas MS. Cha robh an dòigh leigheas seo - far am biodh iad a' cur bun-chealla fala na bodhaig neo HSCT stem cell transplantation - gun chosgais is iomagain, ach bha Frances, a bh' air a bhith a' fulang leis an tinneas airson còrr air fichead bliadhna, cinnteach gur e sin an t-slighe a bha ise airson a ghabhail. Bha i là n dòchais gun cuidicheadh seo i a' faighinn air a casan ceart a-rithist airson ùine phrìseil a chur seachad le a cuid oghaichean, fiù 's dìreach an toirt cuairt dhan phà irce.
Tha sinn air a bhith a' leantainn Frances bhon a rinn i an co-dhùnadh ann an 2016 gun robh i a' dol gu Mexico airson an leigheas seo fhaighinn. Bha iomagain oirre, ach aig an aon à m bha misneachd agus creideas aice fhèin ann a bhith gabhail a' cheum mhòr seo na beatha.
Thuige seo, tha Frances air a bhith ann am Mexico agus air ais anns a' Ghearastan agus a' dèanamh adhartas - fiù 's nach do dh'fheuch i ri bhith a' ruith a-rithist! Anns a' phrògram seo tha sinn a' leantainn Frances agus i anns an dà rna bliadhna às dèidh an leigheas fhaighinn, bliadhna far an do nochd duilgheadasan eile dhan teaghlach.
Last on
Broadcasts
- Thu 28 Jun 2018 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 28 Jun 2018 22:10Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 1 Jul 2018 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Fri 28 Dec 2018 08:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 30 Dec 2018 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal