Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in World War One one hundred years ago.

Ged a bha an t-sabaid a' dol cho cruaidh 's bha e riamh eadar aibhnichean an Oise 's a' Mharne, bha an naidheachd às an Fhraing thairis air an deireadh sheachdain aig toiseach an Ògmhios 1918 a' toirt fa-near gun robh casg ga chur air ionnsaigh mhòr na Gearmailt.

Mar a tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag aithris, adh'aindheoin cuideam bho na feachdan Gearmailteach bha na Frangaich a' seasamh aca gu daingeann. 'S e glè bheag de dh'adhartas a bha iad a' dèanamh agus b'e an aon rud a bha na uallach gun robh an talamh àrd an iar air Chateau Thierry, còrr is dà fhichead mìle bho Paris a-nis ann an làmhan nan Gearmailteach.

Air an treas latha thug riaghaltasan Bhreatainn, na Fraing agus na h-Eadailt geallaidhean seachad aig Versailles a' cur taic ri muinntir na Pòlainn, Ceacaich, Slobhàicianaich agus Iugoslàbhaich a bha ag iarraidh fèin-riaghladh. B'e innleachd a bha seo gus toirt air na dùthchannan sin gluasad air falbh bho bhuaidh na Gearmailt, rud a thigeadh gu buil ro dheireadh na bliadhna.

Agus bha iomradh ga thoirt air gaisgeachd eileanach eile ann an Gaseat Lunnainn: Seumas MacIain, Seumas Beag 'ain Johnson à Loch a' Chàrnain an Uibhist a Deas. Bha Seumas air Bonn a' Mhilidh fhaighinn cheana ann an 1917 agus choisneadh e duais DCM mus biodh an cogadh seachad. 'S iongantach gun robh saighdear eile à Uibhist a Deas a choisinn uiread de bhuinn sa Chogadh Mhòr ris.

Bha an ceòl air feadh na fìdhle air 9mh Ògmhios 1918 an uair a chuir na Gearmailtich ionnsaigh eile air bhog san Fhraing aig Blar a' Mhatz. B'e seo an ceathramh earrann de dh'Ionnsaigh an Earraich aig na Gearmailtich far an robh iad a' toirt ionnsaigh air na loidhnichean Frangach aig Verdun. Uile gu lèir chuir iad aon thar fhichead roinn armachd an sàs thairis air trì thar fhichead mìle an cois abhainn Matz. Gu mì-fhortanach dha na Gearmailtich bha feadhainn de na prìosanaich-cogaidh aca air am brath 's air innse dha na Frangaich mun ionnsaigh a bha fa near dhaibh. Mar sin, bha na feachdan Frangach agus Ameireaganach deiseil air an son.

Air 11mh Ògmhios dh'fhuiling na Gearmailtich droch bhuile ann am Blàr a' Mhatz. San dà latha bho thòisich am batal bha na Gearmailtich air adhartas de naoi mìle a dheànamh. Ach chaidh stad a chur orra gu h-obann aig Compiègne. Cha robh aig na Frangaich ach ceithir roinnean armachd, ach cha robh dad a dhùil aig na Gearmailtich gum biodh ceud gu leth tanca mhòr aca cuideachd. Leotha sin chaidh aig na Frangaich air an ionnsaigh Ghearmailteach a stad agus thigeadh am blàr gu ceann trì latha às dèidh sin.

Bha 17mh den Ògmhios fàbharach a-rithist dha na dùthchannan Co-chòmhraigeach san Eadailt. Chaidh aig na feachdan Eeadailteach, Breatannach is Frangach air ionnsaighean soirbheachail a dheànamh ann an sgìrean Asiago agus Grappa a' ciallachadh nach b'urrainn dhan nàmhaid faighinn nas fhaide na an Abhainn Piave. Le taic a' tighinn às an adhar cuideachd bha e cha mhòr do-dheànta do shaighdearan na h-Ostair faighinn tarsainn air an abhainn. Thàinig brath bho chommandair nam Breatannach a thubahirt gun robh an nàmhaid a' fulang "call uabhasach" agus nach robh iad fhèin air na h-uidhir sin de shaighdearan a chall a dh'aindheoin cho cruaidh 's a bha an t-sabaid.

Ach chailleadh triùir à Ile an t-seachdain sa - Alasdair Watt, a rugadh ann am Port Sgioba, agus Dòmhnall MacDhùghaill, 's Dòmhnall Mac an t-Sagairt, a bhuineadh le chèile do Phort Ilean.

'S ged a bha a' ghaoth sna siùil aig na Co-chòmhraigich aig deireadh na seachdain bha na pàipearan-naidheachd fhathast a' toirt fa near am feum a bh' ann barrachd shaighdearan a thrusadh. Bha sanas san Ross-shire Journal ag òrdachadh fir aois 49, 50 's 51 iad fhèin a chur air adhart airson sgrùdadh medigeach.

30 minutes

Last on

Sun 1 Jul 2018 13:00

Broadcasts

  • Mon 25 Jun 2018 12:00
  • Mon 25 Jun 2018 22:00
  • Sun 1 Jul 2018 13:00