Main content
Sorry, this episode is not currently available

Ceitidh Anna NicChoinnich agus triùir aoighean a' tadhal air Taisbeanadh Fhlùraichean Chelsea 2018. Katie Ann MacKenzie and three guests visit the RHS Chelsea Flower Show 2018.

Tha dreach gu math eadar-nàiseanta air a' phrògram mu dheireadh anns an t-sreath bho Thaisbeanadh Fhlùraichean Chelsea 2018 air làrach Ospadail Rìoghail Lunnainn. Air aoigheachd aig Ceitidh Anna NicChoinnich tha triùir eileanach a tha air a bhith a' fuireach ann an Lunnainn fad iomadh bliadhna, Nòrah NicLeòid, Donnchadh MacIllÌosa agus Anna NicLeòid.

Tha iad a' tadhal air a' ghàrradh aig a bheil an sgeulachd as inntinniche aig taisbeanadh na bliadhna sa, Gàrradh Urras Craobh Liomaid, a chaidh a dhealbh le Tom Massey agus tha ag innse sgeulachd nam fògarrach ann an campa ann a ceann a tuath Iraq. Tha an t-urras seo air a bhith ag obair anns na campaichean ann an Kurdistan bho 2015.

Tadhalaidh iad cuideachd anns an teanta mhòr, pàillean a tha cho mòr ri dà raon ball-coise airson sùil a thoirt air taisbeanadh sònraiche a choisinn Bonn Òr mu thachartas eachdraidheil a tha glè mhòr air a bhith anns na naidheachdan bho chionn ghoirid. Tha seo a' comharrachadh 70 bliadhna bho thàinig ginealach Windrush a-nall às a' Charribean mar phàirt dhan Ìmpireachd agus a thàinig a dh'obair a Bhreatainn mar shaoranaich na h-Ìmpireachd.

1 minute

Last on

Wed 20 May 2020 09:30

Broadcasts

  • Tue 12 Jun 2018 12:00
  • Tue 12 Jun 2018 22:00
  • Sun 17 Jun 2018 10:00
  • Wed 20 May 2020 09:30