Co-labhairt na Fèinne aig SMO
An-diugh tha Coinneach a' cluinntinn mu eachdraidh, bà rdachd agus sgeulachdan na Fèinne. Coinneach learns more about the poetry, verse and tales of ancient Gaelic heroes.
Cò bh' ann an Cù Chulainn? Cò bh' ann am Fionn Mac Cumhaill? Agus dè tha sinn a' ciallachadh nuair a chluinneas sinn mu na Fianntaichean?
Sin cuid de na ceistean a tha aig Coinneach an-diugh 's e aig co-labhairt UlidiaFinn18 aig Sabhal Mòr Ostaig ann an Slèite. Chruinnich mòran sgoilearan an sin airson bruidhinn air na seann sgeulachdan Gà idhealach, a bha uair cho bitheanta, ach a tha an-diugh gann am measg an t-sluaigh.
Am measg nan cuspairean a bhios air an togail, tha Dùn Scà thaich - dùn air taobh siar Shlèite san Eilean Sgitheanach. B' ann an seo, a rèir beul-aithris agus na seann là mh-sgrìobhainnean, a chaidh Cù Chulainn a thrèanadh leis a' bhana-ghaisgeach Scà thach. Gabhaidh Coinneach sgrìob mun là raich agus mun eachdraidh.
Tha Coinneach cuideachd a' cluinntinn mar a tha dol dha luchd-ciùil agus luchd-aithris a tha an dòchas seann laoidhean na Fèinne ath-bheòthachadh agus gheibh sinn iomradh air mar a bhiodh na bà ird a' togail air na Fianntaichean ann an òrain is dà in à bhaisteach.
Cuideachd iomradh air ainmean à iteachan anns an Eilean Sgitheanach - deas agus tuath - aig a bheil ceangal ris na Fianntaichean. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 19 Jun 2018 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 19 Jun 2018 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal