Episode 199
Rà inig an cogadh Hiort air 15mh Cèitean 's bà t-aigeil Gearmailteach a' toirt ionnsaigh. The war reaches St Kilda on 15th May 1918 when a German U-boat attacks.
Ann am Paipear an Òbain air an t-seachdain sa bho chionn ceud bliadhna bha naidheachd ag innse gu robh an t-Athair Urramach Iain MacNèill, Iain Mhìcheil à Eirisgeigh, air Crois a' Mhìlidh a chosnadh airson an dara uair.
Bha naidheachd aig na pà ipearan cuideachd mun bhanaltram Mà iri NicCaluim à Cearara, a bha ag obair ann an Ospadal Stobhill ann an Glaschu agus a bha air duais na Croise Deirge fhaighinn o là mh an Rìgh o chionn ghoirid. Bha i nise ag ullachadh son a dhol a-null thairis leis an Arm.
Rà inig an Cogadh Eilean Hiort air 15mh den Chèitean 1918 nuair a thug bà t-aigeil Gearmailteach ionnsaigh air an eilean. Chaidh stèisean-rèidio beag a thogail ann a' Hiort aig fìor thoiseach a' Chogaidh agus chaidh daoine a chur dhan Eilean airson a ruith. Bhiodh iad, le cuideachadh nan Hiortach, a' cumail sùil air a' mhuir mun cuairt an eilein a dh'oidhche 's a latha, agus a' cur fios gu Tìr-Mòr mu na bà taichean a bha iad a' faicinn a-muigh sa Chuan Siar. Aig seachd uairean sa mhadainn, thug fear den luchd-faire Hiortach an aire do sholas a' priobadh sa mhuir mu mhìle on chladach. Cluinnidh sinn aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill mar a thachair.
Last on
More episodes
Clip
-
Seachdain sa Chogadh 170518
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 17 May 2018 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Fri 18 May 2018 11:50Â鶹Éç Radio nan Gà idheal