Main content
Sorry, this episode is not currently available

Feasgar air Diardaoin.

A' bhuaidh a bha aig athair DS Moireach air an togail agus am foghlam a fhuair e na òige. How DS Murray's father affected his upbringing and his education. bbc.co.uk/feasgar.

Air a' phrògram Dimàirt bha sinn bruidhinn air cho cudromach sa tha gu bheil fireannach a' teagasg anns na sgoiltean, gu bheil e cudromach gu bheil clann a' faighinn measgachadh de theagasg an dà chuid bho bhoireannaich agus fireannaich airson 's gu bheil eòlas aca air an dà ghnè nan togail.
Sin an dearbh obair a bha aig D.S Moireach, a bha na thidsear Beurla ann an àrd sgoiltean gus an do leig e seachad a dhreuchd bho chionn grunn bhliadhnaichean air ais. Tha DS air artaigeil a' sgrìobhadh dhan iris Teaching Scotland ag innse mun bhuaidh a bha aig athair air fhèin na òige. Chaidh e fhèin agus a bhràthair a thogail le an athair a mhàin anns an dachaigh, agus tha e ag innse mar a thug sin buaidh air fàs is foghlam.

A bheil e cudromach gum mol sinn caileagan anns an aon dòigh is a mholadh sinn balaich? A bheil e ceàrr innse do nighean gu bheil i brèagha ach aig an aon àm, do bhalach gu bheil e comasach air rudeigin a dhèanamh. A bheil sinn mar phàrantan a' toirt cus àite do bhòidhchead chlann-nighean agus a bheil còir againn a bhith faiceallach le na chanas sinn. Cluinnear bho dhithis phàrantan is iad le chèile le aon bhalach agus aon nighean.

Gheibh sinn cuideachd còmhradh ri triùir luchd-ciùil òg mu na cothroman a tha aca ann an saoghal a' chiùil, mar a tha iad ag ionnsachadh na h-ionnstramaidean aca agus na tha dùil aca a dhèanamh anns na bliadhnaichean a th'air thoiseach orra. bbc.co.uk/feasgar.

1 hour, 27 minutes

Last on

Thu 10 May 2018 12:33

Music Played

  • Fun.

    Some Nights

  • Tom Speight

    Waiting

  • Frenship & Emily Warren

    Capsize

  • Take That

    Up All Night

    • (CD Single).
    • Polydor.
    • 1.

Broadcast

  • Thu 10 May 2018 12:33