Coinneach madainn Diardaoin.
Am bu chòir eagal a bhith oirnn ro Iran? Should we fear Iran? bbc.co.uk/coinneach.
Tha Dòmhnaill Iain Trump, ceann-suidhe nan Stà itean, an dèidh cur às do dh' aonta Ameireagaidh le Iran mu chumhachd niuclasach. Dha gu leòr ann an Ameireagaidh, tha Iran na adhbhar-iomagain, eadar am prògram niuclasach agus an cumhachd aca. Ach am bu chòir eagal a bhith oirnn ro Iran? No a bheil an sin ach droch dhealbh nam meadhanan? Cluinnidh Coinneach bho dhithis a tha eòlach air cuspair an Ear Mheadhanaich.
Tha Coinneach cuideachd a' gabhail sgrìob eile dhan tasglann, is sinn a' comharrachadh 25 bliadhna de Phrògram Choinnich. Ann an 1997 chaidh Coinneach a-null gu Vancouver, far an do bhruidhinn e ri Murchadh MacÌomhair mu chaladh a bhaile.
Thairis air an t-seachdain a dh'fhalbh, tha an t-Oll. Dòmhnall Uilleam Stiùbhart air a bhith ag innse mun teaghlach a bh' aig Sgà ire MacAmhlaigh, iar-ogha Dhòmhnaill Chaim, à Ùig Leòdhais. An-diugh, an earrainn mu dheireadh de sgeulachd-beatha Sgà ire is a theaghlach.
Agus cò bh' anns an t-Urramach Ailean Hasson, neo Ailean Camshron, is dè an ceangal a bh' aige ris an Eilean Sgitheanach? bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 10 May 2018 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 10 May 2018 21:13Â鶹Éç Radio nan Gà idheal