Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 197

Blàr Scherpenberg dha chuir agus bàs a' phoidleat Gearmailteach, Baron von Richthofen. The Battle of Scherpenberg is fought and the German pilot, Baron von Richthofen dies.

Bha fios ann am pàipear-naidheachd an Òbain aig toiseach a' Chèitein 1918 mu naidheachd-bàis fear de churaidhean na Gearmailt, Baron von Richthofen, à feachd-adhair na Gearmailt, a bhiodh na chall mòr dhaibh le cho soirbheachail 's a bha e air a bhith.

Air 29mh den Ghiblean 1918 thug Blàr Scherpenberg, ris an canar cuideachd Blàr Lys no an ceathramh blàr Ypres, ionnsaigh Ghearmailteach an Earraich gu crìch. Anns an aithisg aige dh'innis Sir Dùghlas Haig mar a thachair air an latha dheireannaich seo, mar a chluinneas sinn aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill.

Agus cluinnidh sinn cuideachd iomradh air òraid mu Achd Ùr an t-Seirbheis Armailteach. B' e Sir Dòmhnall MacIllEathain, mac greusaiche a rugadh an Cill mo Luthaig ann an Tiriodh a rinn an òraid. Bha Sir Dòmhnall na bhall pàrlamaid Libearalach 's bha e a' bruidhinn aig Tribunal Thaigh nan Cumantan air mar a bha e an aghaidh fir na bu shine na 47 a bhith air an gairm.

10 minutes

Last on

Fri 4 May 2018 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 3 May 2018 21:00
  • Fri 4 May 2018 11:50