Julie Fowlis
Iain MacIlleMhìcheil le liosta cheistean an-à bhaisteach do Ghà idheil a tha aithnichte. John Carmichael asks well known Gaels some very quirky questions.
Anns an t-sreath seo tha cothrom againn èolas a bharrachd, eòlas nas pearsanta 's dòcha, a chur air Gà idheil a tha aithnichte do luchd èisteachd Radio nan Gà idheal nan obair là itheil.
Bho bha i na nighean òg ann an Uibhist a Tuath, tha ùidh dhealasach air a bhith aig Julie Fowlis ann an ceòl is cultar na Gà idhlig.
Cha robh e na mhòr-iongnadh, mar sin, gun do roghnaich i ceòl a leantainn mar dhreuchd. 'S gann gu bheil inneal-ciùil ann nach cluich Julie agus tha i aithnichte fada bho chrìochan na Gà idhealtachd an-diugh mar shà r sheinneadair air clà r, air an sgà ilean agus air an à rd-ùrlar. Bidh i a' seinn aig tachartasan mòr eadar-nà iseanta, mar cuirm-fhosglaidh Geamaichean a' Cho-fhlaitheis 2014 ann an Glaschu, agus cuirm-chrìochnachaidh Cupa Ryder ann an Chicago ann an 2012.
B' i a' chiad tosgaire Gà idhlig a chaidh ainmeachadh le Pà rlamaid na h-Alba, chaidh a fastadh le Disney-Pixar gus na prìomh òrain a sheinn sa film aca BRAVE agus tha i tric na neach-aithris air prògraman-ciùil air Radio 2, 4, Alba is Radio nan Gà idheal, a bharrachd air prògraman telebhisein air feadh Bhreatainn is ann an Eirinn.
Anns a' phrògram seo, tha ceistean pearsanta aig Iain MacIlleMhìcheil dha Julie. Gheibh sinn a-mach dè na rudan a chuireadh iongnadh air daoine mu dèidhinn, dè an gnìomh a bu threasa a rinn i a-riamh agus saoil cò an ceathrar a chòrdadh e rithe fhiathachadh gu dinnear agus carson?
Last on
Broadcasts
- Mon 30 Apr 2018 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 30 Apr 2018 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 6 May 2018 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 31 Dec 2018 08:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal