Episode 65
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in World War One one hundred years ago.
Air an 30mh den Mhà irt 1918 bha an t-sabaid fhathast a' dol gu cruaidh aig an Somme. Tuath air an abhainn chaidh ionnsaigh Ghearmailteach a thilleadh air ais, agus air an taobh a deas na h-aibhne chaidh aig na Breatannaich air talamh a bhuannachadh air ais. Còmhla ris na Frangaich chaidh aca air stad buileach a chur air na Gearmailtich gus an robh baile Moreuil air ais nan là mhan.
Air an 4mh den Ghiblean thòisich am batal airson Abhainn Avre, an ear air baile Amiens. B' e seo an ionnsaigh Ghearmailteach mu dheireadh a rachadh a dheà namh air Amiens agus chomharraich e deireadh an ionnsaigh Earraich aig an Seanaral Erich Ludendorf. Thug seachd roinnean Gearmailteach ionnsaigh air còig roinnean Breatannach agus Astrà lianach tuath air Abhainn Avre, ach sheas na Co-chòmhraigich gu daingeann gu ìre's gum b'fheudar do Ludendorf an ionnsaigh a stad an ath latha. Bha an t-srì airson Amiens seachad.
Aig an taigh nochd dà aithris inntinneach sa Highland News - aon ag rà dh gun robh an lùghdachadh anns na dh'fhaodadh daoine a cheannach de dh'fheòl ag obrachadh le nas lugha dhaoine a' feitheamh ann an loidhne taobh a-muigh bhùithtean bùidsear a' bhaile. Ach aig an aon à m bha aithris eile san aon phà ipear mu ghearainean a chuala coinneamh de Chomataidh Smachd a' Bhìdh mu cho truagh sa bha an t-aran ann an Inbhir Nis, mar a chluinneas sinn aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill.
Bha bliadhna, air an 16mh den Ghiblean 1918, bho thà inig na Stà itean Aonaichte a-steach dhan Chogadh Mhòr air taobh na Co-chòmhraigich. Chuir an Rìgh teachdaireachd a dh'Ameireagaidh agus bhruidhinn an Ceann-suidhe Woodrow Wilson gu là idir an aghaidh na Gearmailt ann an òraid a thug e seachad ann am Baltimore san tubhairt e gur e neart agus neart a-mhà in a dhearbhadh an cogadh.
Agus rinn a' Ghearmailt oidhirp shònraichte gus feuchainn ri smachd fhaighinn air ais air an Aghaidh an Iar: air an 9mh hen Ghiblean thòisich Batail an Lys agus Éstaires far an deach Neuve Chapelle a ghabhail thairis. An lathairne-mhà ireach thuit Messines agus air an aonamh latha deug ghabh feachdan Gearmailteach smachd air bailtean Armentières agus Merville.
Agus aig coinneamh ann an Steòrnabhagh thubhairt am Morair Leverhulme gun cuireadh e fhèin suas ri £20,000 not ris an iomairt nam failicheadh e air muinntir Leòdhais an £40,000 a bhathas a sùileachadh bhuapa a thogail.
Air an 13mh den Chèitean 1918 thòisich am batal airson Bailleul far an robh ceangal rèile cudromach a dh'fhosgladh slighe gu Ypres agus cladach na Frainge dha na Gearmailtich. Bha sabaid chruaidh ann cuideachd airson baile Neuve Eglise, faisg air Bailleul. Thairis air an dà latha ri thighinn ghabhadh na Gearmailtich air ais Neuve Eglise agus Bailleul. Chaidh aca cuideachd air baile Helsingfors san Fhionnlainn a ghabhail thairis.
'S fhuair dithis à Leodhas an Croix de Guerre Iain MacAmhlaigh à Calanais agus an Coirpileir Iain MacLeòid, Iain Mà iri Bharbhais bho Dail bho Thuath ann an Nis.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 23 Apr 2018 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 23 Apr 2018 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 29 Apr 2018 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal