Main content
Sorry, this episode is not currently available

Fraoch Nic an Deòir a' dèanamh dealbh dubh is geal dhen streapadair Eòghain MacFhionghuin. Heather Dewar draws a charcoal portrait of mountaineer Ewan MacKinnon.

Tha Fraoch Nic an Deòir a Ìle a'tilleadh thugainn le sreath ùr de "Dhealbhan Fraoich". An dà chuid a'dèanamh dealbh agus a'cur cheist, tha i a'cruthachadh samhailean ann an dubh 's geal de Ghàidheil air a bheil iomadh neach eòlach - agus a'tàladh bhuapa eachdraidh am beatha aig a'cheart àm! 'Sa phrògram seo tha i a'dèanamh air Ealaghol 'san Eilean Sgitheanach, a chèilidh air Eòghain MacFhionghuin. Ged a tha e sna seachdadan, tha e fhathast ag obair làn-ùine ann an gnìomhachas an dealain; agus chan eil fad' sam bith on a dh'fhàg e Sgioba Teasairginn nam Beann, as dèidh faisg air lethcheud bliadhna. Tha Fraoch is Eòghain air an aon ràmh a thaobh na h-aoise - chan eil innte ach àireamh.

Islay-born artist Heather Dewar has had a love of portrait drawing from a young age and relishes the challenge of capturing someone's likeness. In this programme, Heather travels to Elgol on Skye to meet Ewan MacKinnon. Although in his seventies, Ewan still works full time as an electrician and only recently stood down from the local mountain rescue team after almost half a century of service. Heather and Ewan share the same philosophy - age is just a number.

29 minutes

Credits

Role Contributor
Presenter Heather Dewar
Executive Producer Ishbel Maclennan

Broadcasts