Coinneach madainn Dimà irt
Dè bu chòir dha luchd-poiilitigs a dhèanamh mu shuidheachadh Calmac 'sna h-eileanan? What should our politicians do to sort out Calmac's troubles in the islands?
Tha Calmac air connspaid adhbharachadh le mar a chaidh am bà t'-aiseig a' Hebrides a chuir far slighe an triantain, eadar An Tairbeart, Ùig agus Loch nam Madadh. Chan e seo a' chiad uair a tha troimh-chèile air nochdadh a thaobh cò na bà taichean a tha air gach slighe. Dè bu chòir luchd-poilitigs a dhèanamh mun t-suidheachadh? Tha BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, agus BPA an Eilein Sgitheanaich, Ceit Fhoirbeis, còmhla ri Coinneach airson cnuasachadh air a' cheist.
Air rèir aon bhuidheann-beachdachaidh, bu chòir gach fear is tè £10,000 fhaighinn nuair a ruigeas iad 25 bliadhna a dh'aois. Ach dè tha feadhainn òg aa' Smaoineachaidh mun mholadh à raid seo?
Cluinnidh sinn cuideachd mun chompanaidh GKN, buidheann innleadaireachd a thathas an dùil a thèid a reic chun a' chompanaidh Melrose. Gheibh Coinneach mìneachadh air mar a tha teagamhan air nochdadh co-cheangailte ri tèarainteachd nà iseanta, is an companaidh ann an cunnart a bhith air a reic thall-thairis.
Agus innsidh an craoladair Tormod MacLeòid dè na trì leabhraichean a thog e 'sna bùithtean-carthannais airson còig notaichean no nas lugha. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 3 Apr 2018 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 3 Apr 2018 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal