Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Tormod MacÃŒomhair, Eaglais na h-Alba

Seirbheis còmhla ris an Urr Tormod MacÌomhair bho Eaglais na h-Alba. Gaelic religious service conducted by Rev Norman MacIver, Church of Scotland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:
Salm 98: 1-2 air fonn Martyrdom agus 's e Lachlainn MacDhùghaill a tha os cionn na seinn. Chaidh an clàradh seo a' dhèanamh le Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath.
Salm 22: 1-2 air fonn Bangor agus 's e Iain MacAsgaill a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh.
Salm 71: 15-16 air fonn Evan agus 's e Dòmhnall MacIllEathain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Phaibeil an Uibhist a Tuath.

Leughadh: Mata 26: 36-46
Ceann-teagaisg Mata 26: 38-39

'S ann do sgìre Shiadair san Rubha a bhuineas Mgr MacÌomhair. Ghluais e a Ghlaschu nuair a bha e ochd bliadhna deug agus bha e ag obair ann an oifis airson còig bliadhna. Nuair a bha e mu bhliadhna ann an Glaschu thàinig atharrachadh na bheatha agus thòisich e a' leantainn beatha Chrìosdail.

Nuair a chaidh a ghairm chun na ministrealachd, bha aige ri dhol dhan cholaiste airson bliadhna airson deuchainn fhaighinn ann am foghlam aig àrd-ìre. Às dèidh sin bha cùrsa diadhachd de chòig bliadhna aige ri dhèanamh ann an Colaiste na Trianaid.

Phòs e fhèin 's a bhean, Catherine, ann an 1974 nuair a bha e deiseil dhan trèanadh aige. Rinn Mgr MacÌomhair dà bhliadhna na mhinistear-cuideachaidh ann an Eaglais Naomh Mhìcheil ann an Linlithgow mus deach a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an Eaglais na h-Alba ann an Cille Mhoire is Paibeil an Uibhist a Tuath. Bha Mgr MacÌomhair na mhinistear san sgìre sin son còrr air deich bliadhna mus deach a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart ann an 1988, far an robh e chun an t-Samhain 2011. Tha e a-nise air a dhreuchd a leigeil dheth agus a' fuireach ann an Inbhir Nis.

30 minutes

An t-Urr Tormod MacÃŒomhair

An t-Urr Tormod MacÃŒomhair

Broadcasts

  • Sun 18 Mar 2018 09:00
  • Sun 18 Mar 2018 15:00