Main content
Sorry, this episode is not currently available

Crìsdean Dillon a' tadhal air Miughalaigh - 2/2

Crìsdean Dillon a' tadhal air eilean a sheanar; Eilean Mhiughalaigh. Chris Dillon visits his grand-father's birthplace, the island of Mingulay.

Tha Crìsdean Dillon a' leantainn air a thuras a dh' Eilean Mhiughalaigh far na rugadh a sheanair. Bha Crìsdean a-riamh airson tadhal air an eilean airson barrachd fhaighinn a-mach mu eachdraidh an àite. Bha e ann an deagh chuideachd air an eilean còmhla ri Iain Ailean MacNèill a thug ann e leis an sgoth aige fhèin agus tòrr fiosrachadh aige mun àite agus cuideachd Iagan MacNèill a bha na chìobair air an eilean na òige. Eadar an dithis aca bha Crìsdean air a dhòigh a' faighinn a-mach mu eachdraidh, dòigh-beatha agus sgeulachdan às an eilean agus thadhail iad cuideachd air seann làraich .

Cluinnidh sibh taghadh de dh'òrain anns a' phrògram aig a bheil buntanas ris an eilean agus dha seinn tha Criosaidh NicNèill agus Màiri NicDhòmhnaill. Chaidh am prògram a chraoladh an toiseach ann an 1995.

30 minutes

Last on

Sun 18 Mar 2018 09:30

Broadcasts

  • Thu 15 Mar 2018 12:00
  • Thu 15 Mar 2018 22:10
  • Sun 18 Mar 2018 09:30