Episode 63
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in World War One one hundred years ago.
Gheibh sinn a-mach bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mar a chaidh cùis-lagha ann an cùirt an t-Siorram anns an Òban is Diùc Earra-Ghà idheal agus an tuathanach Tòmas Barr a' sireadh òrdugh-bacaidh a chumadh ochdnar Thiristeach bho fearann ann am Baile Pheadrais air an 16mh den Ghearran, 1918.
Chaidh innse gu robh am Morair Leverhulme air Leòdhas a cheannach agus cluinnidh sinn mar a dh' innis an Ross-shire Journal dè a bha na rùn.
Cluinnidh sinn cuideachd mar a thill an raider ainmeil Gearmailteach SMS Wolff air ais dhan Ghearmailt air an 24mh den Ghearran 1918.. Bha i air a bhith aig muir fad còig mìosan deug, air a dhol còrr air 60,000 mìle, air ionnsaighean a thoirt cho fada air falbh ri Astrà ilia is New Zealand, air ceithir soitheach deug a ghlacadh is a chur fodha, agus air mèinnean a chur sìos a sgrios trì soitheach deug eile. Nuair a thill i gu caladh Kiel bha còrr air 450 prìosanach air bòrd agus mòran stuthan luachmhor air an goid bho shoithichean mus deach an cur fodha.
Air an 26mh chaidh am bà ta-ospadail Breatannach, an Glenart Castle, a chuir fodha leis a' bhà t'-aigeil UC-56 ann an Caolas Bhristol, gnìomh a chuir uabhas air an dùthaich. Ged a b' ann air a slighe a dh'iarraidh leòintich a bha i, bha còrr air 150 neach air bòrd is cha do shà bhail ach duine na dhithis.
A rèir a' Highland News b' e gainnead bìdh a bha na adhbhar dragh do mhuinntir nam Bà gh anns na Hearadh agus bha gainnead bìdh cuideachd na adhbhar dhragh do mhuinntir an Eilein Sgitheanaich. Aig coinneamh anns an taigh-chùirt am Port Rìgh chruinnich luchd-gnìomhachais, marsantan agus tuathanaich 's iad iomagaineach mun bhuaidh a bha aig lùghdachadh san t-seirbheis rèile air an taobh an iar. Bha iad ag iarraidh leasachadh air an t-suidheachadh as a' bhad, gu h-à raid a thaobh biadh bheathaichean a bha air fàs anabarrach gann. Bha muinntir Ratharsair a' gearain mun t-suidheachadh anns an robh iad fhèin a thaobh seirbheisean puist is eile, a rèir litir a nochd anns a' Highland News.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 12 Mar 2018 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 12 Mar 2018 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 18 Mar 2018 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal