Còmhla ri Coinneach Mac a' Ghobhainn
Tha Aonghas Dòmhnallach a' toirt sùil air tasglann Courier Inbhir Nis a tha 200 bliadhn' a dh' aois. Angus Macdonald delves into the archives of the Inverness Courier.
An-diugh air a' phrògram, tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a' faighneachd cò iad na buannachan ( no redshanks mar a chanar riubha sa Bheurla,) saighdearean-tuarastail à Alba a ghabh pà irt san strì eadar Èirinn agus Sasainn san 16mh linn agus dè na sgirean as tà inig iad?
Air Là Eadar-nà iseanta nam Ban tha Kirstie NicLeòid còmhla rinn airson innse mu bheatha agus obair Isobel Wylie Hutchison, taisgealach agus lus-eòlaiche Albannach a sgrìobh iomadh leabhar mu na dùthchannan Artach.
'S ann air 10mh den Mhà irt, 1876, a fhuair Alexander Graham Bell air an inneal ùr aige, am fòn, a chleachdadh airson a' chiad uair. Tha sinn a-nis, san 21mh linn, air ar cuairteachadh le fònaichean-là imhe - a bheil e na bhuannachd no na bhacadh gu bheil sinn nis cho ceangailt ri ar cuid fònaichean?
Agus gach seachdain tha am fear-naidheachd Aonghas Dòmhnallach a' toirt sùil air tasglann Courier Inbhir Nis a tha 200 bliadhna a dh'aois. An-diugh tha e a' togail air na naidheachdan a nochd sa phà ipear ann an 1853, nam measg na fuadaichean ann an an Gleanna Garradh.
bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 8 Mar 2018 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 8 Mar 2018 21:13Â鶹Éç Radio nan Gà idheal