Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 188

An SMS Wolff air ais sa Ghearmailt 's am bàta-ospadail, Glenart Castle, dha cuir fodha. The raider SMS Wolff returns to Germany and the hospital ship, Glenart Castle, is sunk.

Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mar a thill an raider ainmeil Gearmailteach SMS Wolff air ais dhan Ghearmailt air an 24mh den Ghearran 1918.. Bha i air a bhith aig muir fad còig mìosan deug, air a dhol còrr air 60,000 mìle, air ionnsaighean a thoirt cho fada air falbh ri Astràilia is New Zealand, air ceithir soitheach deug a ghlacadh is a chur fodha, agus air mèinnean a chur sìos a sgrios trì soitheach deug eile. Nuair a thill i gu caladh Kiel bha còrr air 450 prìosanach air bòrd agus mòran stuthan luachmhor air an goid bho shoithichean mus deach an cur fodha.

Air an 26mh chaidh am bàta-ospadail Breatannach, an Glenart Castle, a chuir fodha leis a' bhàt'-aigeil UC-56 ann an Caolas Bhristol, gnìomh a chuir uabhas air an dùthaich. Ged a b' ann air a slighe a dh'iarraidh leòintich a bha i, bha còrr air 150 neach air bòrd is cha do shàbhail ach duine na dhithis.

10 minutes

Last on

Fri 2 Mar 2018 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 1 Mar 2018 21:00
  • Fri 2 Mar 2018 11:50