An t-Urr Pòl Moireach, Eaglais Shaor Cheann Loch
Seirbheis còmhla ris an Urr Pòl Moireach, Eaglais Shaor Cheann Loch. Gaelic service conducted by Rev Paul Murray, Kinloch Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 84: 6-7 air fonn Moravia agus 's e Iain Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.
Salm 40: 16-17 air fonn Torwood agus 's e Iain Moireach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Cille Bhrìghde an Ear.
Salm 73: 25-26 air fonn Stornoway agus 's e an t-Urr Iain Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho coitheanal Eaglais Shaor Bhaile Ghobhainn.
Leughadh: DÃ n Sholaimh 8: 1-14
Ceann-teagaisg: DÃ n Sholaimh 8: 5
Chaidh Pòl a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Cheann Loch ann an Leòdhas an-uiridh às dèidh trì bliadhna a chuir seachad ann an Sgoil Dhiadhaireachd Dhùn Èideann a' trèanadh airson a bhith na mhinistear san Eaglais Shaor.
'S ann à Nis ann an Eilean Leòdhais a tha Pòl agus às dèidh dha an sgoil fhà gail, chaidh e a Ghlaschu far an robh e ag ionnsachadh mu choinneamh obair ann a bhith a' stiùireadh gnìomhachas togail. Nuair a bha e deiseil, thill e air ais a Leòdhas agus bha e ag obair aig companaidh togail athar.
Airson iomadach bliadhna bha Pòl a' faireachdainn gun robhas ga ghairm chun na ministrealachd, agus anns an t-Sultain 2014 lean e an t-slighe sin le bhith a' tòiseachadh air cùrsa ann an Sgoil Dhiadhaireachd Dhùn Èideann.
Tha Pòl pòsta aig Amanda a bhuineas don Òb sna Hearadh agus tha dithis nighean aca, Mà iri-Belle agus Eilidh Ceit agus tha duil aca ri leanabh eile anns an Iuchar. Thuige seo, chan eil mòran ùine air a bhith aig Pòl airson cur-seachadan ach a bhith a' leughadh agus a' cur seachad nas urrainn dha de dh'ùine còmhla ri theaghlach.
Last on
An t-Urr Pòl Moireach
Broadcasts
- Sun 18 Feb 2018 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 18 Feb 2018 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal