28/01/2018
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Seo Litir à ireamh 663.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 663
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 967
Duration: 05:00
Litir 967: An Sealgair Mòr agus An Grioglachan
A bheil sibh eòlach air na reul-bhadan ann an Gà idhlig? A bheil sibh a’ tuigsinn an fhacail ‘reul-bhad’ – constellation – buidheann de reultan no rionnagan. Tha mi airson ur brosnachadh gus eòlas fhaighinn air reul-bhad no dhà ann an Gà idhlig.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Chithear an Sealgair Mòr air feadh an t-saoghail. Tha an reul-bhad seo faisg air crios-meadhan nan speuran agus, ann am mòran chultaran, tha e air fhaicinn mar shealgair. Ann am Beurla, ʼs e Orion a chanar ris. Bha Orion na shealgair ann am faoinsgeulan na Grèige.
Tha dà rionnaig gu math soilleir anns an t-Sealgair Mhòr. Tha an Spor Dearg no Betelgeuse ann an ‘gualainn’ an t-Sealgair. Tha e na fhamhair-rionnag dhearg agus chithear a dhath gu furasta tro phrosbaig. Chan eil e cho teth ris a’ ghrèin againne, ach tha e fada nas motha. Ann an ‘cas’ an t-Sealgair Mhòir, tha an Spor Liath no Rigel. Tha seo na fhamhair-rionnag liath. Tha mi a’ ciallachadh le sin ‘liath-ghorm’. ʼS e an Spor Dearg an ochdamh rionnag as soilleire anns an iarmailt, agus ʼs e an Spor Liath an t-siathamh rionnag as soilleire anns an iarmailt. Tha e cho cumhachdach ri seasgad mìle grian dhen t-seòrsa a th’ againne.
Ann am meadhan an t-Sealgair Mhòir, tha sreath de thrì rionnagan faisg air a chèile ris an canar ann am Beurla Orion’s Belt. Ann an Gà idhlig ʼs e sin An Crios no Crios an t-Sealgair – an aon rud ris a’ Bheurla. Crochte fon Chrios, tha sreath de thrì rionnagan beaga air a bheil Orion’s Sword ann am Beurla. Do na Gà idheil, ʼs e sin A’ Bhiodag, The Dirk.
Cuideachd fon Chrios, ri taobh na Biodaig, tha neul-reultan no nebula. ʼS e sin cruinneachadh de ghasaichean is duslach anns am bi rionnagan ùra air an dèanamh. Ann am Beurla, ʼs e sin an Horsehead Nebula no Orion Nebula. Ach, ann an Gà idhlig, ʼs e An Sporan a th’ againn air. A bheil sibh a’ faicinn mar a bha na seann Ghà idheil a’ samhlachadh an t-Sealgair air gaisgeach Gà idhealach le fèileadh-mòr air?
Taobh a-muigh an Spuir Dheirg, tha rionnagan anns an reul-bhad a th’ air am faicinn, ann an cuid de chultaran, mar bhall-airm – cuaille no rudeigin mar sin – air a thogail os cionn an t-Sealgair. Ach dhuinne, ʼs e sin Am Breacan – pà irt dhen fhèileadh-mhòr aig an t-seann ghaisgeach Gà idhealach.
Nise, tha mi airson ur stiùireadh gu reul-bhad eile. Dhòmhsa, ʼs e an reul-bhad as brèagha san iarmailt – An Grioglachan. Thoiribh sùil air Crios an t-Sealgair. Leanaibh loidhne a’ Chrios suas gu deas agus cumaibh a dol. Ruigidh sibh rionnag mhòr ris an canar Aldebaran. Tha sin anns an reul-bhad ris an canar Taurus no An Tarbh. Cumaibh a dol anns an aon loidhne agus ruigidh sibh dlùth-bhuidheann de rionnagan air a bheil Pleiades no An Grioglachan. Don t-sùil, tha seachd rionnagan rim faicinn còmhla agus uaireannan bidh daoine a’ gabhail ‘The Seven Sisters’ air an reul-bhad seo no, ann an Gà idhlig, Grioglachan nan Seachd Rionnag.
Mholainn dhuibh nach fhà g sibh aige sin e. Faigh prosbaig à bhaisteach agus thoiribh sùil air a’ Ghrioglachan. Chì sibh na ficheadan de rionnagan ann. Tha reultairean ag innse dhuinn gu bheil mu cheithir cheud dhiubh ann uile-gu-lèir.Â
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: reul-bhad: constellation; rionnag: star; gualainn: shoulder; liath-ghorm: blue-white; neul-reultan: nebula; Am Breacan: The Plaid; An Grioglachan: Pleaides.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Tha mi airson ur brosnachadh gus eòlas fhaighinn air reul-bhad no dhà : I want to encourage you to become familiar with a constellation or two; faisg air crios-meadhan nan speuran: close to the celestial equator; bha Orion na shealgair ann am faoinsgeulan na Grèige: Orion was a hunter in the Greek legends; tha e na fhamhair-rionnag dhearg: it is a red giant; chithear a dhath gu furasta tro phrosbaig: its colour can easily be seen through binoculars; cho teth ris a’ ghrèin againne: as hot as our sun; crochte fon Chrios, tha sreath de thrì rionnagan beaga: hung below the belt, there is a series of three small stars; mar a bha na seann Ghà idheil a’ samhlachadh an t-Sealgair air gaisgeach Gà idhealach le fèileadh-mòr air: how the old Gaels were likening Orion to a Highland hero wearing the fèileadh-mòr (belted plaid); mar bhall-airm – cuaille no rudeigin mar sin – air a thogail os cionn an t-Sealgair: like a weapon – a club or something like that – raised above Orion; tha mi airson ur stiùireadh gu reul-bhad eile: I want to direct you to another constellation; suas gu deas agus cumaibh a dol: up to the right (south) and keep going; dlùth-bhuidheann de rionnagan: a dense group of stars; don t-sùil, tha seachd rionnagan rim faicinn còmhla: to the eye, there are seven stars to be seen together; tha reultairean ag innse dhuinn gu bheil mu cheithir cheud dhiubh ann uile-gu-lèir: astronomers tell us there are about four hundred of them altogether.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: ʼS e an Spor Dearg an ochdamh rionnag as soilleire anns an iarmailt, agus ʼs e an Spor Liath an t-siathamh rionnag as soilleire anns an iarmailt: Betelgeuse is the eight brightest star in the heavens, and Rigel is the sixth brightest star in the heavens. Because rionnag is a feminine noun, the ordinal adjective traditionally behaves in a way that a feminine noun would in terms of its article. As a feminine noun in the nominative case, which starts with a vowel, has the article ‘an’ (eg an ùpraid), we have an ochdamh. However a feminine noun which starts with an ‘s’ would carry the article ‘an t-ʼ (eg an t-seirbheis), thus we have an t-siathamh. For a corresponding masculine noun it would be as follows: an t-ochdamh fear; an siathamh fear.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Chithear an Sealgair Mòr air feadh an t-saoghail: Orion can be seen throughout the world.
Broadcasts
- Sun 28 Jan 2018 22:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 31 Jan 2018 23:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.