Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain
Seonaidh Ailig a' còmhradh ri Annella Nicleòid mu bheatha thrà th an Uibhist a Tuath. John Alick MacPherson in conversation with Annella Macleod on his early life in North Uist.
Bha Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain iomadh mìle bho à ite bhreith is à raich anns na h-Eileanan an Iar sna bliadhnaichean mu dheireadh dha bheatha agus e fhèin agus a bhean, Helen a' fuireach gu dòigheil an cois Abhainn Mira ann am Marion Bridge, faisg air Sydney an Eilean Cheap Breatainn. Ach na inntinn, agus le teicneòlas, chan robh an t-astar idir cho fada.
Na bheatha-obrach shoirbheachail bha e na thidsear, na riochdaire rèidio agus telebhisean, na chonaltraiche corporra agus na Iar Cheannard air Comataidh Craolaidh Gà idhlig. Ach os cionn a h-uile cà il 's e Gà idheal a bh' ann. Mar a thuirt e san leabhar aige Steall à Iomadh Lòn, "Tha mi taingeil gur ann an coimhearsnachd Gà idhlig a chaidh m' altram, ach air mo dhorranachadh gu bheil i air crìonadh. Tha mi taingeil cuideachd gun d'fhuair mi iomadh cothrom, eadar dualchas, cà irdeas, à rainneachd, foghlam, cosnadh is siubhal. Ach 's e na dh'ionnsaich mi aig a' ghlùin an cothrom bu phrìseile dhiubh uile."
B' e seanchaidh air leth a bh' ann agus anns an t-sreath phrògraman tha seo tha e ag innse mar a chuir e seachad a bheatha 's an iomadh lòn às na chuir e steall.
Chaochail Seonaidh Ailig air an 31mh den Lùnastal 2017 aig aois 79.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Tue 16 Jan 2018 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 16 Jan 2018 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 21 Jan 2018 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal