Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhradh le Iain: 2/2

Iain Crichton Mac a' Ghobhainn a' còmhradh ri Aonghas MacNeacail nuair a bha e 60. Iain Crichton Smith in conversation with Aonghas MacNeacail on Iain's 60th birthday.

Tha Iain Crichton Mac a' Ghobhainn ainmeil airson a bhith a' sgrìobhadh bàrdachd, rosg, nobhailean agus dealbhan-cluich ann an Gàidhlig agus ann am Beurla, do chlann agus do dh'inbhich. Am measg nan leabhraichean bàrdachd Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh bha Bìobuill is Sanasan Reic (1965) , Eadar Fealla-Dhà is Glaschu (1974) agus An t-Eilean agus An Cànan (1987) agus chaidh na sgrìobhaidhean aige fhoillseachadh ann an iomadh iris.

Rinn e cuideachd obair ionmhalta ag eadar-theangachadh cuid de na dàin aig a dheagh charaid Somhairle MacGill-Eain dhan Bheurla, rud a chuidich ann a bhith a' toirt obair a' bhàird gu aire mòran dhaoine. Choisinn e iomadh duais na bheatha airson sgrìobhadh ann an Gàidhlig agus ann am Beurla. Nam measg, OBE ann an 1980, Duais Bàrdachd a' Cho-fhlaitheis ann an 1986 agus Duais Saltire ann an 1992.

Am measg nan leabhraichean de sgeulachdan goirid a chaidh fhoillseachadh tha Bùrn is Aran (1960) agus An Dubh is an Gorm (1963) .

Sa phrògram sa, tha Iain ann an còmhradh ri Aonghas MacNeacail mu chuid obrach. Tha iad a' bruidhinn air a' bhàrdachd aige Deer on the High Hills, air na sgriobhadairean a thug buaidh air, mu na deilbh-chluich a sgrìobh e agus air mar a tha e a' coimhead air a chuid obrach .

Rugadh Iain Crichton Mac a' Ghobhainn air Là na Bliadhn' Ùire 1928 agus chaochail e ann an Taigh an Uillt air an 15mh den Dàmhair 1998.

30 minutes

Last on

Sun 7 Jan 2018 10:00

Broadcasts

  • Thu 4 Jan 2018 12:00
  • Thu 4 Jan 2018 22:10
  • Sun 7 Jan 2018 10:00