Coinneach madainn Diardaoin
Am bu chòir dhuinn clà ran-ola fhà gail far a bheil iad 'sa Chuan a' Tuath? Should we leave oil platforms where they are in the North Sea? bbc.co.uk/coinneach.
A-rèir Tom Baxter bho Oilthigh Obar Dheathain, bu chòir dhuinn clà ran-ola fhà gail far a bheil iad 'sa Chuan a' Tuath seach a bhith gan toirt às a chèile. Shà bhaladh sin airgead gun teagamh, ach a bheil e ceart? Tha triùir a tha eòlach air a' ghnìomhachas a' toirt am beachdan.
Aig a cheart à m tha tubaist ann an gnìomhachais na h-ola an dèidh aire dhaoine a ghlacadh ann am Muir Shìona an Ear - is tancair-ola ann am fìor thrioblaid. Air bòrd tha ola ann an cruth annasach, "condensate". An cuideachd Choinnich tha an t-eòlaiche Murchadh MacLeòid airson innse dè dìreach a th' ann agus gu dè cho cunnartach is a tha e.
Tha 130 bliadhna ann an t-seachdain 'sa bhon a bha aimhreit ann an Aiginis ann an Leòdhas eadar croitearan air aon thaobh, is poilis, saighdearan is marines air an taobh eile. Ged a chaidh 13 croitear a chuir an grèim, còig bliadhna às dèidh sin rachadh taca Aiginis a thoirt dha na croitearan. Fhuair Coinneach cunntas air an eachdraidh bho Alasdair MacLeòid.
Agus mu dheireadh tha Aonghas Dòmhnallach a' toirt sùil air cuid de naidheachdan na 19mh linn ann an Courier Inbhir Nis. An-diugh fosgladh a' Chanà l Chailleanaich. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 11 Jan 2018 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 11 Jan 2018 21:13Â鶹Éç Radio nan Gà idheal