Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 179

Duaisean airson gaisgeachd aig muir ach call mòr aig muir cuideachd. Awards for bravery at sea along with more serious maritime losses as 1917 comes to a close.

Innsidh Gilleasbuig MacDhòmhnaill mu dhuaisean airson gaisgeachd aig muir a chaidh a thoirt seachad am measg naidheachdan a' chogaidh air an t-seachdain seo, le dithis à Ìle dhan comharrachadh.

B' e latha buileach duilich a bha anns an latha ron Nollaig 1917 dhan Chabhlaich Rìoghail is an naidheachd ma sgaoil gu robh na trì mìlltearan a b' fheàrr a bh' ann uile air an call. Chaidh HMS Tornado, HMS Torrent agus HMS Surprise a chall an dèidh dhaibh bualadh ann am mèinnean.

Agus air an latha an dèidh na Nollaige leig Admiral Sir Iain Jellicoe dheth a dhreuchd mar Phrìomh Mhorair na Mara. Bha e air a chur às a leth nach robh tuigse aige air poilitigs agus bha e air a bhith an aghaidh coimheadachd bhàtaichean ged a rinn e obair mhòr a' feuchainn ri dèiligeadh ann an dòighean eile ris a' chunnart bho bhàtaichean-aigeil an nàmhaid.

10 minutes

Last on

Fri 29 Dec 2017 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 28 Dec 2017 21:00
  • Fri 29 Dec 2017 11:50