1 of 3
Luchd-leughaidh a' cuimhneachadh air na bha am pà ipear a' ciallachadh dhaibh. Readers reflect on the importance and sheer popularity of the Stornoway Gazette in its heyday.
'S ann air a' chòigeamh latha den Fhaoilleach 1917 a nochd a' chiad iris den phà ipear-naidheachd ionadail, Gasaet Steòrnabhaigh. B' e Uilleam Grannd, fear-naidheachd à Inbhirnis a bha air a bhith ag obair aig a' Highland News a thòisich e, agus às dèidh a bhà is ann a 1932, ghabh a mhac James Shaw Grant os là imh obair an neach-deasachaidh, obair a lean e a' dèanamh gu trà th sna 60an.
Anns a' phrògram seo tha luchd-leughaidh a' cuimhneachadh air na bha am pà ipear ionadail a' ciallachadh dhaibh agus a' meòrachadh air mar a bha
Gasaet Steòrnabhaigh gu mòr an urra ri sgrìobhadairean eadar-dhealaichte airson a bhith a' cumail fiosrachaidh ris an luchd-leughaidh air gach nì, beag no mòr, a bha a' gabhail à ite anns na coimhearsnachdan aca fhèin eadar Rubha Robhanais agus Ceann Bharraigh. Bha gu leòr le colbhan sònraichte aca dhaibh pèin, a bha air leth tarraingeach anns an dòigh anns an robh iad air an sgrìobhadh mar a tha Ceitidh Anna NicChoinnich a' faighinn a-mach. B'e cuid de na colbhan a bhiodh a' nochdadh - Gà idheil Ghlaschu, Bodach às a' Rubha aig Uilleam Carrocher agus cluinnidh sinn na bh' aig Seòras Moireasdan à Tolostadh bho Thuath ri rà dh anns na Brevities.
Cuideachd, cluinnidh sinn an t-à ite a bh' aig sanasan anns a' Ghasaet aig aon uair agus coinnichidh sin ri Catrìona NicDhòmhnaill às na Hearadh a bhiodh a' sgrìobhadh dà cholbh 'Letter from the Croft' agus 'Comment from the Edge'.
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
Next
Broadcasts
- Boxing Day 2017 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 27 Dec 2017 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 31 Dec 2017 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal