Coinneach madainn Diciadain
Tha Anna NicLeòid ag innse sgeulachd beatha an Rìgh Eadailteach Victor Emmanuel III. Anna Macleod talks about the life of Italian King Victor Emmanuel III. bbc.co.uk/coinneach.
Tha sinn air ar cuairteachadh leis na naidheachdan gach mionaid de gach latha. Eadar naidheachdan fad-an-la air an telebhisean gu brathan-naidheachd a-nochdadh air ar fònaichean-là imhe leis an fhiosrachadh as ùire, cha robh sinn riamh cho ceangailte ri tachartasan an t-saoghal mhòir. Ach anns a' chumantas 's iad sgeulachdan trom, dubhach, draghail a th' annta bho chogadh gu murt gu sgrios. A bheil e math dhuinn a bhi a' leughadh na h-uiread de naidheachdan mar seo agus carson nach eil barrachd naidheachdan math, caillear a nochdadh?
Chaidh corp an rìgh Eadailteach Victor Emmanuel III a thilleadh dhan rìoghachd, 70 bliadhna as dèidh a bhà is anns an Èipheit far an robh e air fògradh. Cluinnear bho Anna NicLeòid carson a tha seo ag adhbharachadh fearg am measg cuid agus a' togail droch chuimhneachain ann an inntinn gu leòr eile 'san Eadailt.
Gu h-annasach, tha e fhathast comasach teachdaireachd a chuir anns A' Bheilg le bhi a' cleachdadh teicneolas an 19mh linn, an telegram. Ach tha an t-seirbhis seo a' tighinn gu crìoch aig deireadh na bliadhna 's e air fàs ro chosgail agus ro shlaodach anns an t-saoghal digiteach anns a bheil sinn a-nis beò. Bhruidhinn Coinneach ri Domhnall Moireasdan bho chionn fichead bliadhna mu na cuimhneachain aige nuair a bha e ag obair na ghnìomhairich-telegram. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Wed 20 Dec 2017 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 20 Dec 2017 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal