Main content
Sorry, this episode is not currently available

Mòrag Nicleòid - Ceòl, cothroman agus tilleadh a Scalpaigh

A h-ùidh ann an ceòl, cothroman a fhuair i agus a' tilleadh a Scalpaigh. Morag Macleod tells of her interest in music, opportunities which came her way and retiring to Scalpay.

Tha a' bhan-Sgalpach Mòrag Nicleòid air a bhith comharrachadh gu bheil i air aois 80 bliadhna a ruighinn am bliadhna le ceilidh mòr ann Talla Sgalpaigh aig toiseach na Sultain mar phàirt de dh' Fhèis Blas. Thagh i fhèin na seinneadairean agus an h-òrain airson a' cheilidh agus abair gu robh taghadh ann a sin, agus ciamar nach biodh? Chuir Mòrag Nicleòid seachad faisg air 40 bliadhna aig Sgoil Eòlais an h-Alba am measg ceòl agus òrain Ghàidhlig eadar a bhith dhan cruinneachadh, dhan sgrìobhadh, a' teagasg mun deidhinn agus dhan ionnsachadh do chàch.

Anns an t-sreath phrògraman seo tha i ann an còmhradh ri Dòmhnall Camshron mu beatha eadar Sgalpaigh 's Dùn Èideann agus an iomadh rubha eile ris an do shuath i na cuid obrach. Sa phrògram mu dheireadh a tha seo cluinnidh sinn mun ùidh a th' aice ann an ceòl, mu na cothroman a fhuair i fhads a bha i ag oabir ann a Sgoil Eòlais na h-Alba agus mar a thill i a Sgalpaigh nuair a leig i dhith a dreuchd.

30 minutes

Broadcasts

  • Tue 19 Dec 2017 12:00
  • Tue 19 Dec 2017 22:00
  • Christmas Eve 2017 10:00