Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Donaidh MacSuain, Eaglais na h-Alba 2003

Seirbheis bho 2003 còmhla ris an Urr Donaidh MacSuain, Eaglais na h-Alba. Archive service from 2003 with Rev Donnie MacSween, Church of Scotland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus an t-salm a leanas :
Cairistiona Cheanndach a' seinn "Tha do Rìoghachd Làn de Ghlòir'.
Salm 139: 5-6 agus 's e Donaidh MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho na còisirean a bha a' sàs sa phròiseact Lasair Dhè
Dòmhnall MacAsgaill a' seinn an laoidh 'Emmanuel'
An t-Urr Donaidh MacSuain a' seinn 'Mar a Thogras Fiadh'
Kirsteen Menzies a' seinn 'Cearcall a' Chuain'.

Buinidh Donnie MacSuain do bhaile Sgarastaidh anns Na Hearadh agus chaidh e don sgoil anns an Òb agus air an Tairbeart. Chuir e seachad dà bhliadhna an dèidh sin ann an Àrd-sgoil Inbhir Nis mus do thòisich e ag obair ann am bùth Littlewoods sa bhaile. B' ann an 1974 thòisich e ag obair làn ùine aig Littlewoods agus chuir e seachd ochd bliadhna ann am bailtean eadar-dhealaichte air feadh na rìoghachd, nam measg Lunnainn agus Oxford.

Ghluais e a Ghlaschu an dèidh sin agus thòisich e anns an oilthigh; a' ceumnachadh le BD ann an 1990. B'ann gu Ceann Loch Beirbhidh a chaidh Donnie na mhinistear an toiseach agus às dèidh sin chaidh a ghairm gu Baile Eoghain far a bheil e fhathast.

Tha uidh mhòr aig Donnie ann an ceòl, gu h-àraidh ceòl soisgeulach, Gàidhealach agus clasaigeach. Tha e air mòran CDan a thoirt a-mach agus cluichidh e iomadh seòrsa inneal-ciùil.
Tha meas mòr air a bhith aige air a' Ghàidhlig a-riamh agus tha e a' dèanamh iomadh oidhirp airson gach cuid an cànan agus an ceòl a bhrosnachadh.

30 minutes

An t-Urr Donaidh MacSuain

An t-Urr Donaidh MacSuain

Broadcast

  • Sun 3 Dec 2017 21:00